Sveinn Björnsson
Sveinn Björnsson | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
1914 - 1915
17 dhen Ògmhios 1944 - 31 dhen Iuchar 1952 ← no value - Ásgeir Ásgeirsson → | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Copenhagen, 27 dhen Ghearran 1881 | ||||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||||
Bàs | Reykjavík, 25 dhen Fhaoilleach 1952 | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Athair | Björn Jónsson | ||||||||
Cèile | Georgia Björnsson (en) | ||||||||
Clann |
liosta
| ||||||||
Foghlam | |||||||||
Foghlam |
Oilthigh Copenhagen : lagh Menntaskólinn í Reykjavík 1900) | ||||||||
Cànain | Innis Tìlis | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus neach-lagha | ||||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
B' e neach-lagha, neach-malairt agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Sveinn Björnsson (ˈsveitn̥ ˈpjœsːɔn).[1] Rugadh e air 27 an Gearran 1881 ann an Copenhagen. Bha athair, Björn Jónsson na Ráðherra Íslands (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1909 gu ruige 1911 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd). Fhuair Björnsson a chuid foghlaim sgoile aig Menntaskólinn í Reykjavík agus an uair sin thug e ceum ann an lagh bho Oilthigh Copenhagen. Phòs e aig Georgia Hansen ann an 1908 agus fhuair iad sianar chloinne còmhla.[2] A thaobh mhalairt, stèidhich e trì companaidhean: Eimskipafélag Íslands hf (luingeanachd),[3] Brunabótafélag Íslands (Airgead-urrais) agus Sjóvátryggingafélag Íslands (Airgead-urrais). B' e esan cuideachd a bha a-measg an fheadhainn a chuir air dòigh A' Chrois Dhearg Innise Tìle ann an 1924.[4] Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1914. B' e a' chiad cheann-suidhe na dùthcha a bh' ann am Björnsson, nuair a ghabh Innis Tìle leis a' Phoblachd ann an 1944. Lean e air san dreuchd gu ruige a bhàis. Chaochail Björnsson ann an Reykjavík air 25 am Faoilleach 1952.[5]
Prìomh-mhinistearan fo Bhjörnsson
[deasaich | deasaich an tùs]Bha Björnsson na cheann-suidhe fad ochd biadhna agus bha sianar prìomh-mhinistear, a riochdachadh trì pàrtaidhean fodha fad 's a bha e san dreuchd, mar a leanas:
Ro-theachdair: Dreuchd Ùr (1944) |
Forseti Íslands |
Neach-ionlaid: Ásgeir Ásgeirsson (1952) |