Stefán Jóhann Stefánsson
Stefán Jóhann Stefánsson | |||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
17 dhen Ghiblean 1939 - 16 dhen Chèitean 1942 - Jakob Möller →
18 dhen t-Samhain 1941 - 16 dhen Chèitean 1942 - Ólafur Tryggvason Thors →
4 dhen Ghearran 1947 - 5 dhen Dùbhlachd 1949 ← Finnur Jónsson (en) - Ólafur Tryggvason Thors →
4 dhen Ghearran 1947 - 6 dhen Dùbhlachd 1949 ← Ólafur Tryggvason Thors - Ólafur Tryggvason Thors →
7 dhen Lùnastal 1950 - 1 dhen Chèitean 1958 | |||||||||||||||
Beatha | |||||||||||||||
Breith | Eyjafjörður (en) , 20 dhen Iuchar 1894 | ||||||||||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||||||||||
Bàs | 20 dhen Dàmhair 1980 | ||||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||||
Cànain | Innis Tìlis | ||||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, dioplomat agus neach-lagha | ||||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Alþýðuflokkurinn |
B' e neach-lagha, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Innis Tìle a bh' ann an Stefán Jóhann Stefánsson.[1] Rugadh e air 20 an t-Iuchar 1894 ann an croit air a bheil Dagverðareyri (Norðurland eystra). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1934 agus bha e a' chiad Mhinistear nan Dùthchannan Cèin a fhuair Innis Tìle a-riamh. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1947 gu ruige 1949 às leth Alþýðuflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Deamocratach Sòisealta), ann an co-bhann le Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn. Phòs e aig Helga Björnsdóttir ann an 1927 agus fhuair iad triùir chloinne còmhla.[2] Chuir e seachad 8 bliadhna na thosgair thall san Danmhairg, bho 1957 gu ruige 1965.[3] Chaochail Stefánsson ann an Reykjavík air 20 an Dàmhair 1980.
Caibineit Stefánsson
[deasaich | deasaich an tùs]Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Stefánsson os cionn an riaghaltais.[4] Bhuinneadh ias uile gu Alþýðuflokkurinn, Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
- Stefán Jóhann Stefánsson: Prìomhaire agus Ministear nan Cùisean Sòisealta
- Bjarni Benediktsson: Rùnaire na Stàite agus Ceartas
- Bjarni Ásgeirsson: Àiteachas
- Emil Jónsson: Malairt agus Còmhdhail
- Eysteinn Jónsson: Foghlam
- Jóhann Þ. Jósefsson: ionmhais agus Cosnadh
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Ro-theachdair: Ólafur Tryggvason Thors (1947) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Ólafur Tryggvason Thors (1949) |