Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil)

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil)
Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd
Fiosrachadh
Stèidheachadh 29 an t-Ògmhios 1907
Luchd-stèidheachaidh Bjarni Jónsson
Àite-Stèidheachaidh Þingvellir
Beachd-smuainealas Eachdraidheil nàiseantas

B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a' bha a' gabhail poileataigs na làimhe deise agus nàiseantas 's a bh' ann an Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil) (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd).[1] Chaidh a stèidheachadh aig coinneamh poblach, far an robh 7,000 duine an làthair, ann an Þingvellir air 29 an t-Ògmhios 1907 agus sheas iad sna taghaidhean air 24 am Faoilleach 1908 nuair a bha Innis Tìle fhathast na phàirt na Danmhairg. B' e gun tàinig Landvarnarflokkurinn agus Þjóðræðisflokkurinn ri chèile san Alþingi an aghaidh Chòrdadh reachdail an biodh gu math fàbharach dhan Danmhairg.[2] Bhris am pàrtaidh ann an dà leth ann an 1915 is chaidh cuid dhuibh gu Framsóknarflokkurinn an ath bhliadhna. B' e Bjarni Jónsson a stèidhich am pàrtaidh. Dh'aontaich a' mhòr-chuid nam ball Íhaldsflokkurinn ri Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil) ann an 1929, gus am pàrtaidh air a bheil Sjálfstæðisflokkurinn a th' ann an latha an-diugh a chruthachadh.

Taghaidhean dhan Alþingi[deasaich | deasaich an tùs]

B' ann ann an 1919 a bha Sjálfstæðisflokkurinn na bu shoirbhachaile anns na taghaidhean dhan Alþingi,[3] nuair a fhuair iad 16 seataichean, ged a bha e gu math soirbheachail gach turas a bha taghaidhean ann ach an turas mu dheireadh.

Bliadhna Bhotaichean % +/- Seataichean +/-
1916 (An Lùnastal) 1,337/419 22.9 %/7.2% -- 2 --
1916 (An Dàmhair) 2,097/938.5 15.7 %/7 % +6.5 %7 % 12 ri chèile
1919 (An dà shèomar) 3,548 25.3 % -- 9 agus 4 +8 agus +2
1922 (Àrd Shèomar) 633 5.4 % -- -- --
1923 (Sèomar Ìosail) -- -- -- -- --
1926 (Àrd Shèomar) 1,312 9.4 % -- -- --

Prìomh-mhinistearan[deasaich | deasaich an tùs]

Bha triùir forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) aige nuair a bha am pàrtaidh ann:

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alþingi
  2. Vincent E McHale (1983) Political parties of Europe, Greenwood Press. s. 521–522
  3. Dieter Nohlen & Philip Stöver (2010) Elections in Europe: A data handbook, p962, ISBN 978-3-8329-5609-7
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: