Jump to content

Björn Þórðarson

O Uicipeid
Björn Þórðarson
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

16 dhen Dùbhlachd 1942 - 21 dhen Dàmhair 1944
Ólafur Tryggvason Thors - Ólafur Tryggvason Thors
Ministear Chùisean Sòisealta

19 dhen Ghiblean 1943 - 21 dhen Dàmhair 1944
yfirlækni Jóhann Sæmundsson (en) Translate - Finnur Jónsson (en) Translate
Ministear a' Ceartais agus Cùisean Eaglaiseil

21 dhen t-Sultain 1944 - 21 dhen Dàmhair 1944
Einar Arnórsson - Finnur Jónsson (en) Translate
Ministear Foghlaim agus Cultar

14 dhen Mhàrt 1950 - 7 dhen Ghearran 1953
Bjarni Benediktsson - Bjarni Benediktsson
Beatha
Breith 6 dhen Ghearran 1879
Dùthaich  Innis Tìle
Bàs 25 dhen Dàmhair 1963
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach no value
Am Pàrtaidh Adhartach

B' e neach-lagha, agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann am Björn Þórðarson (IPA: ˈpjœrtn̥ ˈθourðarsɔn̥).[1] Rugadh e air 6 an Gearran 1879 ann an croit air a bheil Móum á Kjalarnesi (Höfuðborgarsvæðið). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík, Oilthigh Copenhagen agus Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1942. Bha e na Ráðherra Íslands (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) neo-eisimeileach fad dà bhliadhna bho 1942 gu ruige 1944. B' e gu robh esan airson an ceangail a bha fhathast ann eadar An Danmhairg agus Innis Tìle a bhriseadh agus An Danmhairg fo bhuaidh na Gearmailte aig an àm. Le sin, ghabh Innis Tìle leis a’ Phoblachd air an latha mu dheireadh dhen teirm aige san dreuchd. B' ann laìdir 's a bha buaidh nan Stàitean air an dùthaich tro na bliadhaichean siud is dithis às a’ Chaibneit aige ag obair à leth chompanaidhean mòra Aimearaganach: Vilhjálmur Þór airson ESSO agus Björn Ólafsson a stèidhich Vífilfel (a tha a’ reic Coca Cola ann an Innis Tìle). Fiù's chanadh Caibineit Coca Cola riutha aig an àm. B' e sin an aon riaghaltas a bh' ann a-riamh aig nach robh taic phàrlamaideach o chionn's gun deach a stèidheachadh gu h-eadar-amail tron Chogadh. Anns a' chaibineat aige ghabh e thairis Ministrealachd na Slàinte agus an Eaglais, agus mu dheireadh cuideachd bha e na mhinistear ceartais is foghlaim. Às deidh deireadh a theirm san dreuchd, leig Þórðarson dheth a bheatha phoilitigeach. Phòs e aig Ingibjörg Ólafsdóttir ann an 1914 ach cha robh clann aca.[2] Chaochail Þórðarson ann an Reykjavík air 25 an Dàmhair 1963.[3]

Caibineit Jónsson

[deasaich | deasaich an tùs]

Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Þórðarson os cionn an riaghaltais.[4] Bhuinneadh iad uile gu Alþýðuflokkurinn, Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Alþingi
  2. Kvennasögusafn[dead link]
  3. Tíminn
  4. Stjórnarraðið

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Ro-theachdair:
Ólafur Tryggvason Thors
(1942)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Ólafur Tryggvason Thors
(1944)