Sălaj (Siorrachd)
| Județul Sălaj Szilágy Megye
| |||
| Dealbh | |||
| Suidheachadh | |||
| Dùthaich | |||
| Prìomh-bhaile | |||
| Roinn Eachdraidheil | Crişana/Transsilvania | ||
| Feartan fiosaigeach | |||
| Farsaingeachd | 3,864 km² | ||
| Àireamh-shluaigh | 224,384 (2011) | ||
| Dlùths | 58.07/km² | ||
| Àireamh fòn | +40 260/360 | ||
| Clàr Àireamh-carbaid | SJ | ||
| Duilleag oifigeil | Riaghaltas Roinneil | ||
'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Sălaj (IPA: səˈlaʒ, Gearmailtis: Zillenmarkt, Ungairis Szilágy). Tha e suidhichte eadar Cluj, Satu Mare, Bihor agus Maramureş. 'S e Zalău a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] 'S e Sălaj an 38mh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 39mh a thaobh àireimh-shluaigh.[3]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann gu math connspaideach 's a tha freumhan an ainm Sălaj. Tha cuid ag ràdh gur ann à Laideann Silva (Gàidhlig: Coille) a tha e, fhad 's a tha feadhainn eile dhen bheachd gun tàinig e à Dacais zilai (Gàidhlig: Fìon dearg).[4] Chaidh an roinn a stèidheachadh ann an 1876 nuair a dh'aonadh Kraszna agus Közép-Szolnok. Bhuineadh Sălaj, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir. Chaill An Ungair Sălaj ann an 1920.[5]
Cinnidheachd
[deasaich | deasaich an tùs]- Romàinianaich – 71.23%[6]
- Ungairianaich – 23.04%
- Romani – 5.05%
- Eile - 0.68%
Creideamhan
[deasaich | deasaich an tùs]- Ortodogsaich Romàinianach – 66.56%[7]
- Pròsdanachas – 19.53%;
- Caitligich – 5.32% (Dòigh na Ròimhe - 2.56% - Dòigh Ghreugach - 2.76%)
- Caingisich – 3.44%;
- Baistich – 3.28%;
- Eile - 1.83%
Bailtean as Motha
[deasaich | deasaich an tùs]Tha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis aig mòran dhuibh o chionn 's gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceaușescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.[8]
| Baile | Muinntir |
|---|---|
| Zalău (Gearmailtis: Zillenmarkt, Ungairis Zilah) | 56,202 |
| Șimleu Silvaniei (Gearmailtis: Schomlenmarkt, Ungairis: Szilágysomlyó) | 14,436 |
| Jibou (Gearmailtis: Siben, Ungairis: Zsibó) | 10,407 |
| Cehu-Silvaniei (Gearmailtis: Bömischdorf, Ungairis: Szilágycseh) | 7,214 |
| Crasna (Gearmailtis: Krassmarkt, Ungairis: Kraszna) | 6,485 |
| Sărmășag (Ungairis: Sarmaság) | 6,092 |
| Pericei (Ungairis: Szilágyperecsen) | 3,768 |
| Bobota (Ungairis: Nagyderzsida) | 3,766 |
| Bălan (Gearmailtis: Blasenkirchen, Ungairis: Almásbalázsháza) | 3.722 |
| Ip (Ungairis: Ipp) | 3,648 |
| (Bho: 20mh an Dàmhair 2011)[9] | |
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Alba • Arad • Argeş • Bacău • Bihor • Bistrița-Năsăud • Botoşani • Braşov • Brăila • Bucureşti • Buzău • Caraş-Severin • Călăraşi • Cluj • Constanța • Covasna • Dâmbovița • Dolj • Galați • Giurgiu • Gorj • Harghita • Hunedoara • Ialomița • Iaşi • Ilfov • Maramureş • Mehedinți • Mureş • Neamț • Olt • Prahova • Satu Mare • Sălaj • Sibiu • Suceava • Teleorman • Timiş • Tulcea • Vaslui • Vâlcea • Vrancea

