Jump to content

Ruaraidh MacThòmais

O Uicipeid
Ruaraidh MacThòmais
Chair of Celtic, Glasgow (en) Translate

1963 -
Beatha
Breith Steòrnabhagh, 5 dhen Lùnastal 1921
Dùthaich  Alba
Bàs Glaschu, 21 dhen Mhàrt 2012
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain
Colaiste Emmanuel
Sgoil MhicNeacail
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd eachdraiche, eadar-theangair, sgrìobhadair, bàrd, literary historian (en) Translate agus neach-teagaisg oilthigh
Fastaichean Oilthigh Ghlaschu
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Acadamh Bhreatannach
Comann Rìoghail Dhùn Èideann
Gluasad Ath-bheòthachadh na h-Alba
Gnè ealain bàrdachd

Bha Ruaraidh MacThòmais (Beurla: Derick S. Thomson), MA, BA, DLitt, FRSE, FBA (5 an Lùnasdal 192121 am Màrt 2012) na sgoilear, dheasaiche agus bhàrd.[1] Bha e an sàs ann an iomadh iomairt co-cheangailte ri ath-bheòthachadh na Gàidhlig. Bha e a' toirt taic do neo-eisimeileachd na h-Alba fad a bheatha.

Rugadh Ruaraidh MacThòmais 5 an Lùnasdal 1921 ann an Steòrnabhagh ann an Leòdhas. Bha athair Ruaraidh, Seumas MacThòmais (1888-1971), na bhàrd ainmeil cuideachd. B' ann à Tunga, Leòdhas, a bha athair, agus b' ann à Ceòs, air na Lochan, a bha a mhàthair, Tìneag Aonghais Alasdair (Christina "Tina" Mac a' Ghobhainn). Fhuair Seumas obair mar mhaighstir-sgoile ann am Pabail a' Rubha nuair a bha Ruaraidh aon bhliadhna a dh'aois, agus dh'imrich an teaghlach a Phabail Uarach. Thogadh Ruaraidh ann am Pabail, anns an dearbh àite far an do thogadh dà sgrìobhadair Gàidhlig ainmeil eile: Iain Mac a' Ghobhainn agus Anne Frater.

Thòisich Ruaraidh a chuid foghlam fhaighinn ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, an uair sin chaidh e do dh'Oilthigh Obar Dheathain, far an do rinn e ceum ann an Ceiltis. Chuir e ùine seachad ann am Feachd Rìoghail an Adhair eadar 1941 agus 1945. As dèidh a' chogaidh, chuir e crìoch air an ceum agus chaidh e do dh'Oilthigh Chambridge agus do dh'Oilthigh Bhangor. Ann an 1952, phòs e Carol Nic a' Bhreatannaich, agus bha sianar chloinne aca. Bha e a' teagasg aig Oilthigh Dhùn Èideann, aig Oilthigh Obar Dheathain agus aig Oilthigh Ghlaschu, far an robh e na àrd-ollamh ann an Ceiltis bho 1963 a-mach gus an do leig e a dreuchd air ann an 1991. Bha e air a' chuid as motha de bheatha a chuir seachad ann an Glaschu. Chaochail Ruaraidh MacThòmais ann an 2012 an Glaschu, nuair a bha e 90 bliadhna a dh'aois.[2]

Cùrsa-dreuchd aig oilthighean

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomairtean na Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e cliùiteach ais sgàth 's gun do chuir e Gairm air bhonn còmhla ri Fionnlagh J MacDhòmhnaill. Bha an iris a' ruith fad 50 bliadhna agus bha i gu tùr ann an Gàidhlig agus mar sin a' brosnachadh sgrìobhadairean Gàidhlig.

Comhairle nan Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1968, stèidhich e Comhairle nan Leabhraichean.

Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am pròiseact seo a stèidheachadh aig Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu ann an 1966, nuair a bha Ruaraidh MacThòmais na àrd-ollamh.[5]

Bha e air an fho-chomataidh dhen Scottish Certificate of Education Examination Board a chur ri chèile a' chiad aithisg air Gnàthachas litreachaidh na Gàidhlig (GOC) ann an 1981.[6] Bha MacThòmais na chathraiche de Chomhairle nan Leabhraichean eadar 1968 is 1991 agus na cheann-suidhe den Scottish Gaelic Texts Society cuideachd.

Seo cuid de na dàin as ainmeile a rinn Ruaraidh MacThòmais:

Leabhar-chlàr

[deasaich | deasaich an tùs]
  • An Dealbh Briste / The Broken Picture (1951).
  • Eadar Samhradh is Foghar / Between Summer and Autumn (1967).
  • An Rathad Cian / The Far Road (1970)
  • Saorsa agus an Iolaire / Freedom and the Eagle (1977)
  • Creachadh na Clàrsaich: Collected Poems (cruinneachadh de bhàrdachd) 1940-80 (1982) Dùn Eideann: Macdonald.Smeur an Dòchais / The Bramble of Hope (1991)
  • Meall Garbh / Rugged Mountain (1995)
  • Sùil air Fàire / Surveying the Horizon (2007). Steòrnabhagh: Acair.[7]

Mar deasaiche

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Bàrdachd na Roinn Eòrpa an Gàidhlig (1990)
  • Gaelic Poetry in the Eighteenth Century: A Bilingual Anthology (1993)
  • Alasdair MacMhaighstir Alasdair: Selected Poems (1996)

Sgeulachd goirid

[deasaich | deasaich an tùs]
  • 'Bean a' Mhinisteir', Gairm 22 (1957): cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacÌomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.139-144.
  • 'Mar Chuimhneachan', Gairm 31 (1960): cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacÌomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.70-74.
  • 'Tea Feasgair', Gairm 35 (1961): cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacÌomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.104-107.

Obair acadaimigeach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • The Gaelic sources of Macpherson's "Ossian" (Aberdeen University studies series;no.130) (1952)
  • Branwen Uerch Lyr: The Second of the Four Branches of the Mabinogi (Mediaeval & Modern Welsh) (1961)
  • Gaelic Learner's Handbook (1973)
  • An Introduction to Gaelic Poetry (1990)
  • Gàidhlig ann an Albainn/ Gaelic in Scotland: Bilingual Examination of the Place of Gaelic in Scottish Life (1976) - ISBN 978-0-901771-54-4
  • New English-Gaelic Dictionary (Am Faclair Ur Beurla-Gàidhlig) (1981) - ISBN 978-0-901771-65-0
  • Why Gaelic Matters (1984) - ISBN 978-0-85411-028-5
  • The Companion to Gaelic Scotland (1987) - ISBN 978-0-631-15578-2
  • Languages of Scotland: International Conference Proceedings: Gaelic and Scots in Harmony 2nd, 1988 (1990) - ISBN 978-0-903204-19-4

Mar cho-sgrìobhadair

[deasaich | deasaich an tùs]

Obair mar dheasaiche and neach-naidheachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Eadar-theangachaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Bith-Eòlas (Biology Textbook)(1976)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. airson nan teisteanasan faic: Thomson, D. S. The New English-Gaelic Dictionary, Glaschu: Gairm 1996, title page
  2. Obituary: Professor Derick Thomson; writer and scholar who was the most important voice in Gaelic poetry in the 20th century - News”, An t-Albannach. 3s dhen Ghiblean 2012. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2012. 
  3. Meek, Dòmhnall (5mh dhen Ghiblean 2013): “Appreciation of Professor Derick S. Thomson: funeral oration, as delivered.”. Passages from Tiree. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2017.
  4. 20mh linn – Eachdraidh na Roinne”. Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2017.
  5. "Glasgow University to Compile Gaelic Dictionary". The Glasgow Herald, Diardaoin 29 an t-Sultain, 1996.
  6. Gaelic orthographic conventions: Certificate of Sixth Year Studies in 1985 and after 1988. Dalkeith: Scottish Examination Board, 1981.
  7. Sùil air Fàire”. Acair. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2023.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]