Quibdó
Quibdó
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Chocó | ||||
Àirde | 43m | ||||
Co-chomharran | 05º 41' 13' Tuath 76 º 39' 40' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 3,337 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 112,886 (2005) | ||||
Dlùths | 33.83/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e prìomh-bhaile na roinne Chocó, ann an Coloimbia,[1] a th' ann an Quibdó. Tha e suidhichte air àird an iar na dùthcha ri taobh na h-aibhne Atrato, 564km air falbh bho Bhogotá. [2] Tha àirde meadhanach dhe 43m os cionn ìre na mara aige. ‘S e baile le gnàth-shìde theth a th’ ann le teodhachd meadhanach dhe 28˚, rè na bliadhna, leis gu bheil e faisg air a’ Chuan Sèimh. 'S e Quibdó an 37mh baile as motha san dùthaich.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1664.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a tha 112,886 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 11,752 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e Afro-Coloimbianaich a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Quibdó. ‘S e Tùsanaich a th’ann an 1.1%, 3.2% dhe daoine geala/mestizos agus tha 95.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 84.8% dhe na daoine ann an Quibdó leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 39.3% dhe na dachannan.[6]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Quibdó. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ ann,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Invias
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal