Jump to content

Quibdó

O Uicipeid
Quibdó
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Chocó
Àirde 43m
Co-chomharran 05º 41' 13' Tuath
76 º 39' 40' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,337 km²
Àireamh-shluaigh 112,886 (2005)
Dlùths 33.83/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e prìomh-bhaile na roinne Chocó, ann an Coloimbia,[1] a th' ann an Quibdó. Tha e suidhichte air àird an iar na dùthcha ri taobh na h-aibhne Atrato, 564km air falbh bho Bhogotá. [2] Tha àirde meadhanach dhe 43m os cionn ìre na mara aige. ‘S e baile le gnàth-shìde theth a th’ ann le teodhachd meadhanach dhe 28˚, rè na bliadhna, leis gu bheil e faisg air a’ Chuan Sèimh. 'S e Quibdó an 37mh baile as motha san dùthaich.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1664.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 112,886 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 11,752 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Afro-Coloimbianaich a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Quibdó. ‘S e Tùsanaich a th’ann an 1.1%, 3.2% dhe daoine geala/mestizos agus tha 95.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 84.8% dhe na daoine ann an Quibdó leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 39.3% dhe na dachannan.[6]

Thathar a’ cumail iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Quibdó. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ ann,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Quibdó

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia


Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: