Osypenko

O Uicipeid
Osypenko
Осипенко

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Zaporizka Oblast
Co-chomharran 46° 55 00' Tuath
36° 49 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 11.621 km²
Àireamh-shluaigh 4,667 (2021)
Dlùths 401.6/km²
Àireamh fòn + 380 6153
Duilleag oifigeil Duilleag Ainmeil

'S e baile beag eadar Berdiansk agus Mariupol san Ucràin a th' ann an Osypenko (Ucràinis: Осипенко). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Berda, san roinn Zaporizka Oblast. Tha 4,667 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1805 mar Novospasivka, le buidheann de thràillean a theich à Poltavshchyna. Bha tuinneachadh Gearmailteach air an taobh thall na h-aibhne, air an robh Neu-Hoffnung, a tha a-nis na phàirt a' bhaile fhèin.[1] Bhàsaich co-dhiù 208 daoine leis an acras sa bhaile ri linn na Holodomor Sobhietich ann an 1932 - 1933. Bha am baile fo sgàile agus fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1943. Tràth san Dàmhair 1941, bha sabaidean fuilteach, cruaidh ann mu timcheall air a' bhaile. Bha feachdan an Airm Dheirg air an cuairteachadh leis an SS. Chaidh na saighdearan Sòbhieteach a bhruthadh chun na mara agus dh'fhuiling iad call mòr. Chaidh mu 100 mìle saighdear an Arm Dheirg a thoirt dhan phrìosan. Chaochail ceannard an 18mh Airm, an t-Seanailear A. K. Smirnov, sa chath. Chaidh an t-ainm atharrachadh gu Osypenko an 1958 mar urran air a' phaidhleat Polina Osipenko a rugadh an seo. Ann an 1991, thàinig Osypenko gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Thuit am baile gu feachdan na Ruise sa Ghearran 2022 ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin.

Eòlas-sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis (88.52%) a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Osypenko a' bruidhinn, ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (11.03%) cuideachd.[2]

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Osypenko suidhichte aig 19m os cionn ìre na mara, air bruaichean na h-Aibhne Berda, gu seachd-àraidh air a' bhruaich chlì, 14 km bhon chomar leis a' Mhuir Azov, agus 5km suas an abhainn tha baile beag air a bheil Radivonivka, 5km sìos an abhainn tha baile beag eile air a bheil Staropetrivka. Air bruach deas na h-aibhne tha baile mòr dùthchail ann. Tha mòr-rathad an M14 (E58) faisg air làimh, a cheanglas Odesa leis An Ruis.[3]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. DMT
  2. Ukcensus
  3. Euro 2012 Highway
  4. Виноградова, Любовь (2015-03-30). Защищая Родину. Летчицы Великой Отечественной, Азбука-Аттикус. p. 159. ISBN 9785389099005.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]