Jump to content

Schutzstaffel

O Uicipeid
Schutzstaffel
Facal Suaicheantais Meine Ehre heißt Treue

'S ònoir mo dhìsle

Stèidhichte 4 an Giblean 1925
Suidheachadh Prinz-Albrecht-Straße, Berlin

B' e buidheann phoiliteagach, phoileasail phrìosanail, thèarainte fo armachd anns A' Ghearmailt Nàsach a bh' anns na Schutzstaffel (IPA: ˈʃʊtsˌʃtafəl, Gàidhlig: Sguadranan Dìona, ainm goirid: SS, rùn-sgrìobhadh: ᛋᛋ ).[1] Bha na SS fo stiùir Adolf Hitler agus am Pàrtaidh Nàsach agus leanadh iad ideòlas Nàsach. Bha na SS air an roinneadh ann an dà fho-bhuidheann:

  • Allgemeine SS (SS Coitcheann): Poileas na SS.
  • Waffen SS (SS fo armachd): Feachdan armachd na SS.

Anns a' chiad dol a-mach cha robh iad an sàs ach anns A' Ghearmailt ach mean air mhean shìn iadsan air feadh na Roinn-Eòrpa far an robh làimh an uachdair aig na Nàsaich aig àm An Dàrna Cogaidh. Aig an toiseach-tòisichidh cha b' ann ach buidheann geàird bheag de bhuill an NSDAP air an robh Saal-Schutz (Gàidhlig: Dìona-talla), a dhèanadh obair tèarainteachd aig coinneamhan a' Phàirtidh ann am München.[2] Ach, air 4 an Giblean 1925, gabh Heinrich Himmler os làimh iad agus leasaich e iad agus chuir e ainm ùr orrasa. Fo stiùir Himmler (1929 - 1945) an àite na buidheann bheag dh' fhàs iad seo a bhith a-measg nan buidhnean na bu chuthachaile sa Ghearmailt Nàsach. Bho 1929 gus an tàinig Nàsachd sìos ann an 1945, b' e na SS a bh' anns a' bhuidheann na bu chudromaiche a bha an urra ri tèarainteachd, rannsachadh agus uath anns A' Ghearmailt agus na Roinn-Eòrpa a bha fo sgàil na Swastika.[3] Bha na SS nabh mhiosa na càch tron Uile-losgadh, is iad ri murt agus tràilleachd den h-uile sèorsa.

Buill na SS

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. McNab, Chris (2009). The SS: 1923–1945. Lunnainn: Amber Books. ISBN 978-1-906626-49-5.
  2. Browder, George C (1996). Hitler's Enforcers: The Gestapo and the SS Security Service in the Nazi Revolution. Àth nan Damh agus Eabhraig Nuadh: Oxford University Press. ISBN 978-0-19-510479-0.
  3. Buchheim, Hans (1968). "The SS – Instrument of Domination". Ann an Krausnik, Helmut; Buchheim, Hans; Broszat, Martin; Jacobsen, Hans-Adolf. Anatomy of the SS State. Eabhraig Nuadh: Walker and Company. ISBN 978-0-00-211026-6.