Martin Bormann
| Martin Bormann | |||
|---|---|---|---|
| |||
| Beatha | |||
| Breith | Halberstadt, 17 dhen Ògmhios 1900 | ||
| Dùthaich |
| ||
| Bàs | Berlin, 2 dhen Chèitean 1945 | ||
| Teaghlach | |||
| Cèile |
Gerda Bormann (en) | ||
| Clann |
liosta
| ||
| Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
| Sinnsirean |
liosta
| ||
| Foghlam | |||
| Cànain | Gearmailtis | ||
| Dreuchd | |||
| Dreuchd |
Holocaust perpetrator (en) | ||
|
Com-pàirtiche
| |||
| Àitichean-obrach |
Berlin, Obersalzberg (mul) | ||
| Duaisean a fhuaras | |||
| Ballrachd | Schutzstaffel | ||
| Seirbheis san arm | |||
| Meur an airm |
Schutzstaffel Wehrmacht (en) | ||
| Ìre |
Obergruppenführer (en) | ||
| Strì | An Dàrna Cogadh | ||
| Creideamh | |||
| Pàrtaidh poileataigeach | Am Pàrtaidh Nàsach | ||
| IMDb | nm0097006 | ||
|
| |||
B' e eòlaiche-àiteachas agus eucoireach-cogaidh nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann am Martin Ludwig Bormann (Wegeleben, 17 an t-Ògmhios 1900 - Berlin, 2 an Cèitean 1945).[1] Rugadh agus thogadh Bormann ann an Sagsainn-Anhalt agus bhuinneadh e do theaghlach clas-obrach Lutharach - bha athair na phosta, ach chaochail e nuair a bha Bormann na phàisd. Dh' ionnsaich e àiteachas sa cholaiste agus fhuair e obair mar mhanaidear-tuathanais ann an oighreachd ann am Mecklenburg-Vorpommern, far a thòisich e ris na Freikorps. Ann an 1923 chaidh Bormann dhìteadh gu bliadhna sa prìosan air sgàth 's gun do chuidich a charaid Rudolf Höss ri murt a dhèanamh air Walther Kadow. Ghabh e sa Phàrtaidh Nàsach ann an 1927 agus san Schutzstaffel ann an 1937 agus bha e na rùnaire pearsanta do Hermann Hess bho 1933 gu ruige 1941.[2] Ghabh Bormann pàirt ann an iomairt an aghaidh na h-eaglaise agus Crìosdaidheachd air an robh Kirchenkampf (Gàidhlig: Strì na h-Eaglaise) agus b' e esan fhèin a dhùin eaglaisean, abaidean agus sgoiltean air feadh na dùthcha.[3] Bha fuath is gràin aige air Iùdhaich agus Slàbhaich agus fhuair iad fìor dhroch làimhseachadh bhuaithe. Chuir e às dha fhèin air 2 an Cèitean 1945 agus feachdan an Aonaidh Sobhiataich a' dùnadh a-steach air Berlin.[4]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ernst Klee: Das Personenlexikon zum Dritten Reich. Wer war was vor und nach 1945, Verlagsgruppe Weltbild GmbH, genehmigte Lizenzausgabe, Augsburg, 2005.
- ↑ McGovern, James (1968). Martin Bormann. Eabhraig Nuadh: William Morrow & Company. OCLC 441132.
- ↑ Williams, Max (2015). SS Elite: The Senior Leaders of Hitler's Praetorian Guard, Fonthill Media LLC. ISBN 978-1-78155-433-3.
- ↑ Trevor-Roper, Hugh (2002) (1947). The Last Days of Hitler, Lunnainn, Pan Books, ISBN 978-0-330-49060-3.