Viktor Revutskiy
Viktor Revutskiy | |
---|---|
Beatha | |
Bàs | 1 dhen t-Sultain 1944 |
Dreuchd |
B' e paidhleat cogaidh Ucràineach/Sobhiatach a bh' ann am Viktor Kostiantynovitch Revutskiy (Ucràinis: Ревуцький Віктор Костянтинович, Novospasivka 1922, Klaipėda, 1 an t-Sultain, 1944).[1] Fhuair e a chuid foghlaim san àrd-sgoil ann am Berdiansk agus an uair sin dh' ionnsaich e a bhith na paidhleat san sgoil-itealanachd armach Kachinsky ann ann Sevastopol. Rinn e 140 tursan-sabaid airson nam feachdan adhair, ghabh e pàirt ann an 30 blàran adhair agus Loisg e gu pearsanta sìos 12 itealan nàmhad. Rinn e 135 ionnsaighean air an nàmhaid: rinn e sgrios air 3 ionadan armachd, 2 bàta-smùid, 5 carbadan, 8 làraidhean le luchd, agus chaidh 15 bàtaichean connaidh. Chaochail e san t-sabaid as t-fhoghar anns na coilltean mu timcheall air Klaipėda mar phàirt Iomairt na Mara Baltaich an aghaidh nan Nàsach.