Meanbh-chuileag
Meanbh-chuileag Culicoides impunctatus | |
Meanbh-chuileag, Culicoides impunctatus | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Arthropoda |
Clas | Insecta |
Òrdugh | Diptera |
Teaghlach | Ceratopogonidae |
Gèineas | Culicoides |
Spèiseas | Culicoides impunctatus |
Roinn |
Tha a' mheanbh-chuileag (Culicoides impunctatus) (Albais: Hielan Midgie) 'na ghnè de mheanbh-fhrìde itealaich agus fuil-shùgach dhen teaghlach Ceratopogonidae. Gheibhear iad eadar Èirinn is Breatann san iar agus an an t-Sìn san ear. 'S e plàigh a th' annta ann an sùilean na mòrchuid, aig a bheil droch-bhuaidh air turasachd agus àiteachas.[1]
Ainmean
[deasaich | deasaich an tùs]'S e meanbh-chuileag an t-ainm as trice a chluinnear ach tha ainmean eile orra a-rèir dual-chainnt is sgìre, a' gabhail a-staigh na leanas:
- cuileag-mheanbh[2]
- cuileag-mhìn[3]
- gath-dubh[4]
- meara-chuileag (Cataibh)[3]
- mil-chuileag[2]
- mion-chuileag (Earra Ghàidheal)[2]
Tha am facal cuileag a' tighinn on t-Seann-Ghaeilge cuil aig an robh an aon chiall, leis an iar-leasachan -ag a chomharraicheas rud beag bìodach agus meanbh mar ro-leasachan (on t-Seann-Ghaeilge menb "beag bìodach") aig an toiseach.[5] Tha am facal cuil a' tighinn on fhreum Innd-Eòrpach *ḱul "gath" agus leis a sin, tha dàimh aige ri faclan mar
- cylionen ("cuileag" ann am Cuimris)[5]
- kelyonenn ("cuileag" sa Chòrnais)[5]
- kelien ("cuileag" ann am Breatnais)[5]
- culex ("mosgaid" ann an Laideann)[5]
Agus, stèidhichte air culex, culícido "co-cheangailte ri cuileagan" san Spàinntis.[6]
'S e míoltóg an t-ainm air sa Ghaeilge[7], on t-Seann-Ghaeilge míltóg, 's e sin míl(ta) "beathach ìochdarach" agus -óg "-ag" - mialtag sa Ghàidlig fhèin. Ann an Gaelg, 's e myn-whaillag "mion-chuileag" (myn + quaillag) no quilleen "cuileag" ('s e sin, "cuil(eag) bheag").[8]
Tuairisgeul
[deasaich | deasaich an tùs]'S e a' mheanbh-chuileag am measg na feadhainn as lugha san t-saoghal 's chan eil tè inbheach ach mu 1.5mm a dh'fhaid.[9] Tha sgiathan na meanbh-chuileige breac (rud a dh'adhbharaich an t-ainm Laideann aca (punctatus "dotagach") ach chan eil iad gu feum airson a' mheanbh-chuileag eadar-dhealachadh o fheadhainn eile ach fo ghloine-amhairc[1] Tha iad 1.4mm a leud is na sgiathan làn-sgaoilte aca.[1]
A chionn 's gu bheil e cho doirbh an sgaradh a dhèanamh eadar a' mheanbh-chuileag is feadhainn dlùth an dàimh dhi mar Culicoides cubitalis, 's e anailis rDNA an gleus as cumanta a chleachdar air a shon sin.[1] Tha 37 gnè de mheanbh-chuileagan ann an Alba ach 's e Culicoides impunctatus an tè a nì ionnsaigh air daoine as trice.[10]
Chaidh a' chiad tuairisgeul saidheansail oirre a dhèanamh ann an 1920 leis an fhrìde-eòlaiche Bheilgeach Maurice Emile Marie Goetghebuer san leabhar aige Ceratopogoninae de Belgique[11] ach tha teaghlach nam meanbh-chuileagan air a bhith mun cuairt fad ùine mhòr is feadhainn faisg an dàimh dha Culicoides impunctatus air an lorg ann an òmar a tha mu 120 millean bliadhna a dh'aois san Leabanon.[10]
Raon
[deasaich | deasaich an tùs]Breatann
[deasaich | deasaich an tùs]Gheibhear iad an dà chuid air fearann àrd agus ìseal ann an Alba agus taobh tuath na Cuimrigh 's ann as pailte a tha iad ann an iar-thuath na h-Alba eadar deireadh an earraich agus deireadh an t-samhraidh, gu sònraichte ann an àitichean taise mar bhoglaichean is coilltean. Mar is trice, ma tha mòinteach-liath (Sphagnum spp.), frafann (Juncus articulatus), luachair a' bhlàtha ghèir (J. acutiflorus), fianach-gorm (Molinia caerulea) no roid (Myrica gale) mun cuairt (lusan a tha a' comharrachadh talamh uisgeach, bidh meanbh-chuileagan ann.[9][12]
Tha cuid a lusan ann nach fhaighear a' mheanbh-chuileag cho pailt mun cuairt ann, a' gabhail a-staigh raineach (Pteridium aquilinum) agus seòrsachan eile do chòinnteach seach mòinteach-liath.[12]
An corr dhen t-saoghal
[deasaich | deasaich an tùs]Gheibhear iad cuideachd ann an àitichean freagarrach dhaibh sa chorr de Bhreatann, Lochlann agus sgìrean eile san Roinn Eòrpa, san Ruis agus taobh tuath na Sìne.
Dòigh-bheatha
[deasaich | deasaich an tùs]Bidh an fheadhainn bhoireann a' cruinneachadh ann an sgaothan mòra[13] ann an coilltean is boglaichean[14] 's e a' bìdeadh dhaoine agus is iad-san a' chuileag as lugha ann an Alba a nì sin, ged a thig a' mhòrchuid dhiubh beò air fuil cruidh, chaorach agus fhiadh. Air a' Ghàidhealtachd, 's iad crodh a bhìdeas iad as trice (38.4%), fèidh (23.0%), caoraich (9.9%) agus mac an duine (0.3%).[15]
Nì na meanbh-chuileagan boireann inbheach bìdeadh gu math faisg air na h-ionadan sìolachaidh aca (ged a chaidh an lorg suas ri 1km air falbh uapa), agus faisg air an talamh. Is ann sa chamhanaich a thig iad a-mach gu sònraichte[9][16], ach bìdidh iad uair sam bith dhen latha ma tha e sgòthach a chionn 's gur e gainnead solais a thàlaidheas a-mach na meanbh-chuileagan boireann.[9] Cha bhi iad cho beòthail ma bhios a' ghaoth nas luaithe na 6mph no an taisead fo 60-75%.[13]
Togaidh iad fàileadh an cuid seilge suas ri 200m air falbh.[17] 'S e 1-octen-3-ol, fual, phenol, acetone agus CO2 a chuireas iad gu feum airson mothachadh do bheathaichean.[18][19] 'S e CO2 a chuireas iad gu feum airson ionad pongail de bheathach fhiosrachadh.[19]
Tha giallan lannach fiaclach goirid orra a dh'obraicheas cha mhòr mar shiosaran ach nach adhbharaich ach lotan gu math eu-domhain agus ri linn sin, cha dèid aca air bìdeadh tro aodach agus feumaidh iad craiceann a tha ris.[1][9] Tha histamines 'nan smugaid a bhrosnaicheas sruthadh an fhala san lot agus ged a dh'adhbharaicheas sin atadh, cha bhi droch-bhuaidh aice ach air daoine aig a bheil droch-aileirgidhean 'nan aghaidh.[9]
Mur am bris dad a-steach air meanbh-chuileag is i ri sùghadh, togaidh i mu 2µl de dh'fhala ann an 3 no 4 mionaidean.[1] A dh'aindeoin sin, cha leag iad a leas fuil ithe a chum gintinn ciad ghinealach nan uighean.[1] Beiridh meanbh-chuileag bhoireann eadar 30 agus 100 ugh air uachdar tais rè an t-samhraidh agus nochdaidh na larbhachan an dèidh 24 uairean a thìde.[1] Chan eil iad ach leth-uisgeach agus bàthaidh iad ann an uisge fosgailte agus seargaidh iad gu bàs ann an talamh tioram.[9] Ithidh iad cha mhòr rud sam bith, a' gabhail a-staigh nematodes, larbhachan eile, fungi agus lusan agus pronnas lusan.[9] Thèid iad tro 4 ìrean larbhachd agus 's e larbha a tha san cheathramh ìre a mhaireas tron gheamhradh.[1] Cha mhair ìre a' phùpa sa Chèitean no san Ògmhios ach latha no dhà.[1] Ma dh'itheas an fheadhainn fhireann dad, 's ann air flùraichean a thig iad beò agus mairidh an dà dhiubh suas gun Dàmhair ann an Alba.[9]
Galaran
[deasaich | deasaich an tùs]Faodaidh gun dèid galaran gabhaltach a ghluasad do shealg nam meanbh-chuileagan is iad a' sùghadh fuil, mar eisimpleir Haemoproteus belopolskyi[20] a dh'adhbharaicheas galaran ann an eòin[21]
Bidh iad cuideachd a' giùlan galar epizooticeach fuil-ruitheach nam fèidh (EHD) agus bìoras na teanga ghorm a bhuaileas air ainmhidheach ath-chagnach.[12]
Buaidh na h-aimsire is shealgairean
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil cus fiosrachaidh mu bhuaidh shealgairean air a' mheanbh-chuileag.[9] Ge-tà, an dèidh geamhraidh 2010 ann an Alba a bha air leth fuar, cha do rinn a' mheanbh-chuileag ach fàs oir is a-rèir coltais cha robh droch-bhuaidh air an àireamh-san aig an fhuachd air a' Ghàidhealtachd ach leis gun do dh'fhulaing na sealgairean aca-san, mar ialtagan is eòin, dh'fhàs an àireamh gu mòr as t-samhradh 2010.[13]
Tha teòirig ann a tha ag ràdh gun robh àireamh nam meanbh-chuileagan fada nas lugha nuair a bha Alba còmhdaichte le craobhan fhathast is uiread an uisge san talamh nas ìsle agus gum mìnicheadh seo gainnead de bheathaichean a dh'itheas meanbh-chuileagan gu sònraichte.[10] Chan ith ialtagan agus eòin mar cheileirichean (Phylloscopus spp.) agus ainleagan-dubha (Apus apus) ach àireamh bheag dhiubh agus ged a ghlacas driùchdan (genus Drosera) agus am mòthan (Pinguicula vulgaris) meanbh-chuileagan, chan eil buaidh fhollaiseach aca uile air an àireamh-se.[10]
A bharrachd air sin, tha luchd-rannsachaidh san Eilean Sgitheanach agus ann an Earra Ghàidheal air dà ghnè de dh'fhìneag dhearg a lorg (Parafeiderium stuarti agus Centrotrombidium blackwellae) aig a bheil larbhachan a tha 'nam faoighichean 's a' tighinn beò air meanbh-chuileagan inbheachd.
Dìon
[deasaich | deasaich an tùs]Tha ola eucalyptus 'ga cleachdadh mar dhìon on mheabh-chuileag.[22]
A bharrachd air sin, tha buaidh air stuthan a tha fàileadh dhiubh a sgaoileas 1-octen-3-ol no co-thàthaidhean phenol eile no acetone agus CO2. Feumaidh co-dhiù 200ml/mion de CO2 a bhith 'gan sgaoileadh mus bi buaidh agus 's iad ribean fàilidh a sgaoileas 1-Octen-3-ol, fual bà agus CO2 no acetone, fual bà agus CO2 an fheadhainn as èifeachdaiche.[19]
Ann an cultar is cànan
[deasaich | deasaich an tùs]Tha ìomhaigheag na meanbh-chuileige a' nochdadh gu tric ann an cultar is cànan eadar Èirinn is Alba.
Ainmean-àite
[deasaich | deasaich an tùs]Tha aon àite ann an Alba a tha air ainmeachadh air a' mheanbh-chuileag sa Ghàidhlig fhèin, Camas nam Meanbh-chuileag, tuath air Àird Lusa air Diùra agus a-rèir beul-aithris, chaidh cuideigin a cheangal ri post ann airson 's gun itheadh na meanbh-chuileagan gu bàs e no i.[23]
Sa chorr dhen dùthcha, tha grunn ainmean-àite Beurla a tha a' toirt iomradh orra mar Midge Hall on t-Seann-Bheurla mycg + halh "oisean mheanbh-chuileagan" ann an Lancashire, Midgham (on t-Seann-Bheurla mycg + hām "tuineachadh mheanbh-chuileagan") ann an Berkshire agus Midgley (on t-Seann-Bheurla mycg + lēah "coille mheanbh-chuileagan) ann an Yorkshire.[24]
Ann an Èirinn, Gleann na Míoltóige ann an Ros Comáin[25] agus Tamhnaigh na Míoltóige ("tamhnach na meanbh-chuileige") ann am Maigh Eo[26] a' toirt iomradh orra.
Beul-aithris is gnàthasan-cainnt
[deasaich | deasaich an tùs]Tha iad cuideachd a' nochdadh ann an grunn ghnàthasan-cainnte, mar is trice a' riochdachadh rudeigin a tha uamhasach fhèin pailt no beag:
- dèan pronnadh nam meanbh-chuileag (buail gu dona gus am bi an rud bog maoth)
- a' sìoladh/marbhadh nam meanbh-chuileag (obair nach gabh crìochnachadh)
- cho rèidh 's gun òladh meanbh-chuileag deoch dheth (uisge a tha air leth sàmhach rèidh)
- cho pailt ri meanbh-chuileagan as t-fhoghar (uamhasach pailt)
- na meanbh-chuileagan ort! (a mhaoidheadh droch-fhortan air cuideigin)
- ola chas easgann, bainne cìch circe 's geir mheanbh-chuileag, air am measgadh ann an adharc muice, a shuathadh ri smig le ite cait (rud nach eil am bith idir idir)
Tha amaladh-cainnte ann, Seachd tursan gun a dhol air iomrall timcheall earball mheanbh-chuileige - feumaidh tu a chanail seachd uairean ann an aon anail.
Tha am facal ga chleachdadh gu tric san àireamh shingilte sa Ghàidhlig, ged a tha na milleanan dhiubh ann, m.e. tha a' chuileag dona a-nochd, coltach ri tha am buntàta math am bliadhna.
Bàrdachd
[deasaich | deasaich an tùs]Tha iad a' nochdadh ann am bàrdachd air uairibh, can sa phìos tràth seo le Donnchadh Bàn air a bheil Òran an t-Samhraidh:[27]
Bidh am minnein ùrar meanbh-bhallach,
Gnos tioram air a ghnùis bu sgeinmeile;
Gu mireanach, lùghor, anmadail,
Ri slinnean na h-earb an guailleachan.
Bu chlis feadh phreas mu anmoch iad,
Gu tric fo iochd nam meanbh-chuileag,
Gu sgrìdeil, gibeach, gearr-mhàsach,
An sliochd d' an ainm na ruadhagan.
Sgrìobh Dubhghlas de hÍde dàn ann an Gaeilge mu dhamhan-allaidh agus meanbh-chuileag san 19mh linn a tha gu math ainmeil ann an Èirinn:
Gaeilge | Gàidhlig |
---|---|
An Damhan Alla agus an Mhíoltóg | An damhan-allaidh agus a' mheanbh-chuileag |
Sé dúirt damhán alla le míoltóigín lá: "Ó! Tar liom abhaile, a chréatúirín bhreá: Tá grian gheal an tsamhraidh ag damhsa ar mo theach, Tá ithe 'gus ól ann - nach dtiocfá isteach?" |
"Thuirt damhan-allaidh ri meanbh-chuileag latha: Ò thig dhachaidh còmhla rium, a chreutair bhrèagha: Tha grian gheal an t-samhraidh a' dannsadh air mo thaigh, Tha ithe 's òl ann - nach dig thu a-steach?" |
Dúirt an créatúr mícheillí ag féachaint isteach: "Is tú croí na féile, is breá é do theach: Ach deirtear go mbíonn tú ag ithe 's ag ól Míoltóigíní mar mise, idir fhuil agus fheoil." |
Thuirt an creutair mì-chèillidh, a' coimhead a-steach: "'S tu cridhe na fèille, 's brèagha do thaigh: Ach canar gum bi thu ag ithe 's ag òl meanbh-chuileagan mar mhise, eadar fhuil is fheòil." |
Dúirt an damhan alla - is é a bhí glic, "Is bréag mhór, dar m'anam, an scéal sin, a mhic: Tá caoireoil, tá mairteoil, tá bainne anseo, Is an té a bheadh marbh dhéanfaidís beo." |
Thuirt an damhan-allaidh - 's e a bha glic, "'S breug mhòr, air m' anam, an sgeul sin, a mhic: Tha caor-fheoil, tha mairtfheoil, tha bainne an-seo, an tè a bhiodh marbh, dhèanadh seo beò." |
Bhí an créatúirín meallta le comhrá mar sin, Dúirt sé, "Tá mé sásta, mar tá tú chomh binn; Ach ní fhanfaidh mé fada." Chuaigh sé isteach, Ach níor chuala mé fós gur tháinig amach. |
Bha an creutair beag air a mhealladh le còmhradh mar sin, Thuirt e, "Tha mi sàsta 's tu cho binn; Ach chan fhuirich mi fada." Chaidh e a-steach Ach cha chuala mi fhathast gun dàinig a-mach. |
San Albais
[deasaich | deasaich an tùs]Tha i a' nochdadh san Albair mar midge agus mar mheanbhair midgie agus a' riochdachadh an dà chuid na cuileige agus rudeigin no cuideigin a tha beag leibideach.[28] A bharrachd air sin, tha a h-ìomhaigheag a' nochdadh ann am faclan mar midge-merchant "marsanta de rudan beaga" agus midge's knee-buckle "rud a tha do-chreidsinneach beag.[28]
Tha lus, am mìn-fheur (Holcus lanatus), ainmichte orra cuideachd: midge grass.[28]
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- Hendry, George. Midges in Scotland 4th Edition, Mercat Press, Edinburgh, 2003 ISBN 1-84183-062-3
- ↑ 1.00 1.01 1.02 1.03 1.04 1.05 1.06 1.07 1.08 1.09 A. Blackwell, A. Ritchie, J. R. Hillman, B. Fenton: Meanbh-chuileag - the Highland biting midge.
- ↑ 2.0 2.1 2.2 "Am Faclair Beag". Am Faclair Beag. 2016-05-18.
- ↑ 3.0 3.1 "midge". DASG. 2016-05-23.
- ↑ Dwelly, Edward (1911), Faclair Gàidhlig gu Beurla le Dealbhan/The Illustrated Gaelic - English Dictionary Glaschu: Akerbeltz, ISBN 978-1-907165-02-3
- ↑ 5.0 5.1 5.2 5.3 5.4 MacBain, A. An Etymological Dictionary of the Gaelic Language (1896; 1982 ath-fhoillseachadh) Gairm ISBN 0-901771-68-6
- ↑ "culícido". Real Academia Española. 2016-05-18.
- ↑ Pádraig Ua Duinnín Foclóir Gaeḋilge agus Béarla (1927) Corcaigh
- ↑ "Fockleyreen" (PDF). Coonceil ny Gaelgey. 2016-05-18.
- ↑ 9.00 9.01 9.02 9.03 9.04 9.05 9.06 9.07 9.08 9.09 "Biting midges (Culicoides spp.)" (PDF). NàdarAlba. 2016-05-18.
- ↑ 10.0 10.1 10.2 10.3 Alan Watson Featherstone (2016-05-20). "Highland biting midge (Culicoides impunctatus)". Trees for Life.
- ↑ Goetghebuer, Maurice Ceratopogoninae de Belgique (1920) A' Bhruiseal: Hayez
- ↑ 12.0 12.1 12.2 A. Blackwell, K. A. Lock, B. Marshall, B. Boag, S. C. Gordon: The spatial distribution of larvae of Culicoides impunctatus biting midges.
- ↑ 13.0 13.1 13.2 "'Biting midges in Scotland'". NàdarAlba.
- ↑ D. S. Kettle: The spatial distribution of Culicoides impunctatus Goet. under woodland and moorland conditions and its flight range through woodland. ann an: Bulletin of Entomological Research, Leabhar 42, Àireamh 02, Sultain 1951, td. 239–291,
- ↑ A. Blackwell, W. Mordue: Identification of bloodmeals of the Scottish biting midge, Culicoides impunctatus, by indirect enzyme‐linked immunosorbent assay (ELISA). Ann am: Medical and Veterinary Entomology, Leabhar 8, Àireamh 1, 1994, td. 20–24.
- ↑ Alison Blackwell: Diel flight periodicity of the biting midge Culicoides impunctatus and the effects of meteorological conditions. Ann an: Medical and Veterinary Entomology, Leabhar 11, Àireamh. 4, 1997, td. 361–367.
- ↑ "Midge". Down Garden Services.
- ↑ Blackwell, C. Dyer, A. J. Mordue, L. J. Wadhams, W. Mordue: The role of 1‐octen‐3‐ol as a host‐odour attractant for the biting midge, Culicoides impunctatus Goetghebuer, and interactions of 1‐octen‐3‐ol with a volatile pheromone produced by parous female midges. Ann an: Physiological Entomology, Leabhair 21, Àireamh 1, Màrt 1996, td. 15–19.
- ↑ 19.0 19.1 19.2 A. Bhasin, W. Mordue: Field studies on efficacy of host odour baits for the biting midge Culicoides impunctatus in Scotland. Ann an: Medical and Veterinary Entomology, Leabhar 15, Àireamh 2, 2001, td. 147–156.
- ↑ Gediminas Valkiūnas, Tatjana A. Iezhova: The transmission of Haemoproteus belopolskyi (Haemosporida: Haemoproteidae) of blackcap by Culicoides impunctatus (Diptera: Ceratopogonidae). Ann an: Journal of Parasitology, Leabhar 90, Àireamh 1, 2004, td. 196–198
- ↑ R. Ziegytė, V. Palinauskas, R. Bernotienė, T. A. Iezhova, G. Valkiūnas: Haemoproteus minutus and Haemoproteus belopolskyi (Haemoproteidae): complete sporogony in the biting midge Culicoides impunctatus (Ceratopogonidae), with implications on epidemiology of haemoproteosis. Ann an: Exp Parasitol., Leabhar 145, Dàmhair 2014, td. 74–79.
- ↑ J. K. Trigg: Evaluation of a eucalyptus-based repellent against Culicoides impunctatus (Diptera: Ceratopogonidae) in Scotland. (PDF) Ann an: Journal of the American Mosquito Control Association-Mosquito News, Leabhar 12, Àireamh 2, 1996, td. 329–330.
- ↑ "Port nam Meanbh-chuileag". Tobar an Dualchais. 2016-05-18.
- ↑ Mills, A. D. Dictionary of English Place-Names Oxford 1991 ISBN 0-19-283131-3
- ↑ "Glennameeltoge or Midgefield". logainm.ie. 2016-05-18.
- ↑ "Tamhnaigh na Míoltóg". logainm.ie. 2016-05-18.
- ↑ Aonghas MacLeòid (deasaiche) Òrain Dhonnchaidh Bhàin (1978) Dùn Èideann
- ↑ 28.0 28.1 28.2 "Midge". Dictionar o the Scotd Leid. 2016-05-19.
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- APS Midge Forecast Ro-aithris nam meanbh-chuileagan ann an Alba
- Institute of Animal Health Culicoides impunctatus
- Geama brabhsair a' BhBC: A' casg nan Cuileagan
- Geama brabhsair a' BhBC: A' casg nan Cuileagan 2
- BBC Naidheachdan 2017-03-01: Aʼ mheanbh-chuileag nach bìd (Chironomus vallenduuki)
- BBC Naidheachdan 2018-06-05: Meanbh-chuileag dol am meud?