Meanbh-chuileag (buidheann)

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Saoil an e a' mheanbh-fhrìde a bha thu a' lorg?

'S e buidheann oideachadh dràma Ghàidhlig a th' ann am Meanbh-chuileag. Tha i a' ruith fo sgeith Fhèisean nan Gàidheal.

Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh ann an 2000 mar phàirt de phròiseact air a ruith le Fèis Dhùn Èideann. Bha i stèidhichte ann an Gracemount ann an Dùn Èideann bho Iuchar 2002 gu Cèitean 2006, nuair a ghluais a' bhuidheann gu Inbhir Nis.

Gu ruige seo tha a' bhuidheann air tadhal air còrr is 300 sgoil ann an Alba, agus tha mu 10,000 duine-chloinne air dealbh-chluich Mheanbh-chuileag fhaicinn.

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]