Meanbh-fhrìde

O Uicipeid
Meanbh-fhrìdean

'S e beathach anns a' chlas Insecta anns an fho-fhine Hexapoda anns an fhine Arthropoda a tha ann am meanbh-fhrìde, mar eisimpleir seilleanan, dealain-dhè, seanganan, daolagan, tairbh-nathrach is deargannan.

'S e neo-dhruim-altachan a tha ann, le cnàimhneach a-muigh agus corp ann an trì roinnean, stiùirichean, sùilean fillte, agus mar as àbhaist, tha sia casan is dà phaidhir sgiathan aig meanbh-fhrìdean.[1]

Buaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha meanbh-fhrìdean a' toirt seirbheisean eag-eòlach, mar eisimpleir poileanachadh agus mar phàirtean cudromach ann an sreath-bìdh. Tha iad a' toirt taic ri, mar eisimpleir, gnìomhachas sùibh-chraoibh, as fhiach do dh'eaconomaidh na h-Alba barrachd air £52 millean a h-uile bliadhna.[2]

Seòrsaichean a tha glèidhte ann an Alba[deasaich | deasaich an tùs]

A-rèir Achd nam Fiadh-bheathach agus na Dùthcha 1981 tha na meanbh-fhrìdean a leanas glèidhte, is a h-uile fear san òrdugh Lepidoptera, na dealain-dhè is na leòmannan:[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Insect Anatomy”. Youth and Entomology. Oilthigh Purdue. Air a thogail 15mh dhen Ghiblean 2020.
  2. 2.0 2.1 A strategy for Scottish invertebrate conservation”. Initiative for Scottish Invertebrates. Air a thogail 15mh dhen Ghiblean 2020.