Contae na Mí
Contae na Mí | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Laighean |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,336 km² |
Àireamh-shluaigh | 184,135 () |
Dlùths | 78.82/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae na Mí[1] (tuiseal ainmneach: An Mhí,[2] Laideann: Comitatus Midiensis). Tha e suidhichte ann an àirde an ear na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 184,135 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,336km²,[3] an 14mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 12mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae na Mí le Muineachán, Lú, Iarmhí, Átha Cliath, Cill Dara agus An Cabhán.[4] Bha 183,828 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh na Caillí (279m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Contae na Mí a chruthachadh ann an 1297.[7]
Sgìrean Ionadail
[deasaich | deasaich an tùs]Tha ochd baranachdan deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn na Mí: Baile Fhobhair, Baile Shláine Íochtarach, Baile Shláine Uachtarach, Ceanannas Íochtarach, Ceanannas Uachtarach, Damhliag Íochtarach, Damhliag Uachtarach, Déise Íochtarach, Déise Uachtarach, Dún Búinne, Luíne, Machaire Gaileang, Maigh Fionnráithe Íochtarach, Maigh Fionnráithe Uachtarach, Ráth Tó, An Scrín, An Uaimh Íochtarach agus An Uaimh Uachtarach. A bharrachd air sin, tha 146 parraistean[8] (ann an dà sgìreachd-easpaig: An Mhí agus Ard Mhacha)[9] agus 1,634 bailtean fearainn sa chontae.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Seán de Briotún: (1947) Taoiseach.
- Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin: (1670 – 1738) Clarsair.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Sabhal Mòr Ostaig
- ↑ Logainm
- ↑ Statoids
- ↑ Scoil Cronáin Naofa
- ↑ Cenus of Britain 1841
- ↑ Peakbagger
- ↑ Irish Facts
- ↑ Irish Times
- ↑ Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann
Contae Aontroma • Contae Ard Mhacha • Contae Átha Cliath • Contae an Chabháin • Contae Cheatharlach • Contae Chill Chainnigh • Contae Chill Dara • Contae Chill Mhantáin • Contae an Chláire • Contae Chiarraí • Contae Chorcaí • Contae Dhoire • Contae an Dúin • Contae Dhún nan Gall • Contae Fhear Manach • Contae na Gaillimhe • Contae na hIarmhí • Contae Laoise • Contae Liatroma • Contae Loch Garman • Contae an Longfoirt • Contae Luimnigh • Contae Lú • Contae Mhaigh Eo • Contae na Mí • Contae Mhuineacháin • Contae Phort Láirge • Contae Ros Comáin • Contae Shligigh • Contae Thiobraid Árann • Contae Thír Eoghain • Contae Uíbh Fhailí