Contae Thiobraid Árann

O Uicipeid
Contae Thiobraid Árann
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Mumhan
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 4,255 km²
Àireamh-shluaigh 158,754 ()
Dlùths 37.31/km²
Duilleag oifigeil Taobh a Deas agus Taobh a Tuath

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Thiobraid Árann[1] (tuiseal ainmneach: Tiobraid Árann,[2] Laideann: Comitatus Tiperariensis). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, ann an Còigeamh Mumhan. Tha 158,754 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 4,255km²,[3] an siathamh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an deicheamh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Thiobraid Árann le Port Láirge, Corcaigh, Luimneach, Cill Chainnigh, Uíbh Fhailí, Laois, Gaillimh agus An Clár.[4] Bha 435,553 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Cnoc Mór na Gaibhlte (919m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Contae Thiobraid Árann a chruthachadh ann an 1211 agus chaidh i a roinneadh ann an dà leth ann an 1838.[7]

Sgìrean Ionadail[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dà bharanachd deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn an Thiobraid Árann: Clann Liam, Coill na Manach Íochtarach, Coill na Manach Uachtarach, Éile Uí Fhógarta, Sliabh Ardach, An Trian Meánach, Uíbh Eoghain agus Uíbh Fhathaidh Thiar, Uíbh Eoghain agus Uíbh Fhathaidh Thoir, Uí Chairín, Uaithne agus Ara, Urumhain Íochtarach agus Urumhain Uachtarach. A bharrachd air sin, tha 203 parraistean[8] (ann an trì sgìreachdan-easpaig: Cill Ala, Port Láirge-Lios Mór agus Caiseal-Imleach)[9] agus 3,245 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish FactsTeamplaid:Fix/category[dead link]
  8. Irish Times
  9. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann