Jump to content

Contae Uíbh Fhailí

O Uicipeid
Contae Uíbh Fhailí
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Laighean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,998 km²
Àireamh-shluaigh 76,687 ()
Dlùths 38.38/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Uíbh Fhailí[1] (Laideann: Comitatus Offaliensis). Tha e suidhichte ann an teas-mheadhan na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 76,687 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,998km²,[2] an 18mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 22mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Uíbh Fhailí le Cill Dara, Gaillimh, Iarmhí, Laois, An Mhí, Ros Comáin, Tiobraid Árann.[3] Bha 176,857 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[4] 'S e Ard Èireann (527m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[5]

Sgìrean Ionadail

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dà bharanachd dheug (Gaeilge: barúntacht) am broinn Uíbh Fhailí: Baile Átha Buí, Baile an Bhairínigh, Baile an Bhriotaigh, Baile an Chúlaígh, Baile Mhic Comhainn, Cill Chuairsí, Cluain Leisc, An Daingean Íochtarach, An Daingean Uachtarach, An Eaglais, Garraí an Chaisleáin agus Géisill. A bharrachd air sin, tha 51 parraistean[6] (ann an còig sgìreachdan-easpaig: An Mhí, Osraí, Ardach-Cluain Mhic Nóis, Cill Ala agus Cill Dara-Leithghlinne)[7] agus 1,194 bailtean fearainn sa chontae.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Statoids
  3. Scoil Cronáin Naofa
  4. Cenus of Britain 1841
  5. Peakbagger
  6. Irish Times
  7. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann