Contae Chill Mhantáin

O Uicipeid
Contae Chill Mhantáin
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Laighean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,025 km²
Àireamh-shluaigh 136,640 ()
Dlùths 67.48/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Chill Mhantáin[1] (tuiseal ainmneach: Cill Mhantáin).[2] Tha e suidhichte ann an àirde an ear na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 136,640 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,025km²,[3] an 13mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 16mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Chill Mhantáin le Contae Átha Cliath, Ceatharlach, Cill Dara, agus Loch Garman.[4] Bha 126,143 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Log na Coille (925m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Sgìrean Ionadail[deasaich | deasaich an tùs]

Tha ochd baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Chill Mhantáin: An tInbhear Mór, Baile na Corra Thuaidh, Baile na Corra Theas, An Caisleán Nua, Ráth an Dúin, Síol Éalaigh, Baile an Talbóidigh Íochtarach agus Baile an Talbóidigh Uachtarach. A bharrachd air sin, tha 59 parraistean[7] (ann an trì sgìreachdan-easpaig: Átha Cliath, Fearna agus Cill Dara-Leithghlinne)[8] agus 1,370 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Times
  8. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann