Contae Cheatharlach

O Uicipeid
Contae Cheatharlach
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Laighean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 896 km²
Àireamh-shluaigh 54,612 ()
Dlùths 60.95/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Cheatharlach[1] (tuiseal ainmneach: Ceatharlach,[2] Laideann: Comitatus Caterlogensis). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 54,612 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 896km²,[3] an dàrna shiorramachd as lugha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an treas a lugha a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Cheatharlach le Contae Loch Garman, Cill Mhantáin, Cill Chainnigh, Cill Dara agus Laois.[4] Bha 86,228 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Suta Laighean (795m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Sgìrean Ionadail[deasaich | deasaich an tùs]

Tha seachd baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Cheatharlach: Fotharta, Ráth Bhile, Tigh Moling Íochtarach, Tigh Moling Uachtarach, Uí Dhróna Thiar, Uí Dhróna Thoir agus Ceatharlach fhèin. A bharrachd air sin, tha 47 parraistean[7] (ann an dà sgìreachd-easpaig: Átha Cliath agus Cill Dara-Leithghlinne)[8] agus 600 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Times
  8. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann