Contae Thír Eoghain

O Uicipeid
Contae Thír Eoghain
Suidheachadh
Dùthaich Rìoghachd Aonaichte
Còigeamh Còigeamh Uladh
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,155 km²
Àireamh-shluaigh 161,800 ()
Dlùths 51.28/km²

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae Thír Eoghain[1] (tuiseal ainmneach: Tír Eoghain).[2] Cuairtichte le talamh, ach airson cladach air Loch nEathach (far a bheil crìoch-locha aige le Contae Aontroma), tha crìochan aige le seachd den naoi chontae Ultaich: Doire chun a' thuatha, Aontroma thairis Loch nEathach, Contae Ard Mhacha, Contae Mhuineacháin agus Contae Fhear Manach gu Deas agus Dun nan Gall chun iar. Is e contae brèagha gorm a tha ann, tìr nan cnuic iosail, nam bailtean beaga agus tuathanasan. Is e An Ómaigh prìomh-bhaile a' chontae. Tha 161,800 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 3,155km²,[3] an 7mh siorramachd as motha ann an Èirinn a thaobh fharsaingeachd agus an 9mh a thaobh àireamh-sluaigh.

Sgìrean Ionadail[deasaich | deasaich an tùs]

Tha ochd baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Thír Eoghain: Clochar, Dún Geanainn Íochtarach, Dún Geanainn Láir, Dún Geanainn Uachtarach, An Ómaigh Thiar, An Ómaigh Thoir, An Srath Bán Íochtarach agus An Srath Bán Uachtarach. A bharrachd air sin, tha 43 parraistean[4] (ann an trì sgìreachdan-easpaig: Doire, Ard Mhacha agus Clochair)[5] agus 2,162 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Cànan agus Cultar[deasaich | deasaich an tùs]

Bha sgìre Gaeltacht ann an Contae Thír Eoghainn sìos ri na 1920'n. Is ann ann an Gaidhealtacht Thír Eoghain a rugadh an sgrìobhadair ainmeil Maoilis na gCopaleen.

Tha cothrom eadar muinntir Pròsdanach agus muinntir Caitligeach 's a' Chontae de faisg air 50/50. Tha dlùth cheangail eadar na Donnghailigh (a thug ìomhaigh an làimh dhearg dhan Ulaidh) agus Tír Eoghain. B'e sgioba Thír Eoghain a ghleidh Corn Sam MacGuire, 'son peile an 2008.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Ancestry Ireland
  5. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: