Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin
| Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Breith | Contae na Midhe, 1670 (Julian) |
| Dùthaich |
|
| Bàs | Béal Átha Fearnáin, 25 dhen Mhàrt 1738 |
| Foghlam | |
| Cànain | Gaeilge |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | ceòl-sgrìobhaiche, bàrd, seinneadair agus clàrsair |
| Gluasad | ceòl barocach |
| Gnè ealain | ceòl clasaigeach |
| Inneal-ciùil |
clàrsach guth |
B' e ceòl-sgrìobhaiche agus clàrsair à Èirinn a bha ann an Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin (IPA: t̪ˠɾˠeːl̪ˠəx oː ˈcaruːl̪ˠaːnʲ, An Obair 1670 - Béal Átha Fearnáin 25 am Màrt 1738).[1] Shiubhal e timcheall na h-Éireann is e a’ cluiche ceòl is a’ gabhail òran leis na sgrìobh e fhèin agus an-diugh tha e cliùiteach mar sin. Dh' eug e air an 25mh latha dhen Mhàrt 1738 ann an Ros Comáin. Bha e na Chlàrsair a sgrìobh e a chuid ciùil fhèin, a bharrachd air sreath dàna.[2] Thoisich e ceòl ionnsachadh nuair a chaill e a chuid adharc na shùilean ag 18 bliadhna a dh'aois, agus chaidh e air feadh na tìre is e a’ cluiche agus ag snìomh ceòl dhen a h-uile seòrsa. Chluicheadh e ceòl ann an taighean nan uaislean, far a chuala e ceòl Eadailteach agus le sin chruthaich e stoidhle ùr a chithear san aistean-chiùil aige fhèin. Mar thorradh a dhoille chan fhaodadh e ceòl a leughadh neo sgrìobhadh ach mhair timcheall dà cheud pìosan a chum e sa traidisean. Rinn Seán Ó Riada - a bha na bhall Ceoltóirí Chualann - agus daoine eile ath-bheòthachadh air ceòl Uí Chearbhalláin san dàrna leth dhen 20mh Linn agus tha pìosan mar "Sí Bheag, Sí Mhór"[3] agus na pìosan a chleachd Planxty ainmeil gus ar làithean.
Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- The Complete Works of O’Carolan (1670-1738), ed. Ossian, 2e ed., Cork, 1989 [154 p.]. ISBN 0-946005-16-8
- Carolan. The Life Times and Music of an Irish Harper, Donal O’Sullivan, ed. Ossian, 1958, Cork, rééd. 2001. ISBN 1-900428-71-7
- Giuseppe Marino, L'Ultimo Bardo d'Irlanda, & MyBook, Vasto (CH), 2009 [56 p.]. ISBN 978-88-96096-27-7
- Giuseppe Marino, L'arpa di Turlough O'Carolan, Talmus Art, San Marzano di S. G. (TA), 2012 [80 p.]. ISBN 978-88-90546-08-2
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]