Jump to content

Contae Phort Láirge

O Uicipeid
Contae Phort Láirge
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Mumhan
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,836 km²
Àireamh-shluaigh 172,971 ()
Dlùths 94.21/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a th'ann an Contae Phort Láirge[1] (tuiseal ainmneach: Port Láirge).[2] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, ann an Còigeamh Mumhan. Tha 113,795 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,838km²,[3] an 22mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 20mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Phort Láirge le Corcaigh, Cill Chainnigh, Loch Garman agus Tiobraid Árann.[4] Bha 172,971 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Cnoc Mhaoldomhnaigh (794m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Sgìrean Ionadail

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha naoi baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn an Phort Láirge: Cill Choilchín, Cois Abha Móire agus Cois Bhríde, Na Déise laistigh den Drom, Na Déise lasmuigh den Drom, An Ghailltír, Gleann na hUidhre, An Trian Méanach, Uachtar Tíre agus Port Láirge fhèin. A bharrachd air sin, tha 73 parraistean[7] (anns an sgìreachd-easpaig Phort Láirge agus Lios Mór)[8] agus 1,658 bailtean fearainn sa chontae.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Times
  8. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann