Christine Primrose
Christine Primrose | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Càrlabhagh, 17 dhen Ghearran 1950 |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair agus neach-teagaisg |
Inneal-ciùil | guth |
Tha Christine Primrose (rugadh 17 an Gearran 1950) na seinneadair Gàidhlig agus na teagasgaiche òrain Ghàidhlig.
Rugadh agus thogadh Christine ann an Càrlabhagh ann an Eilean Leòdhais far an robh a’ Ghàidhlig mar chànan làitheil, agus tha i air a bhith a’ seinn bho ’s cuimhne leatha. Tha an t-seinn aice air a toirt air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an Ameireaga, Canada, Astràilia, Èirinn agus pàirtean dhen Roinn Eòrpa. Tha i a’ teagasg òrain Ghàidhlig air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach, agus cuideachd air na cùrsaichean goirid aig a’ Cholaiste.
Tha i air iomadh duais a thogail airson a cuid seinn, nam measg Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig na ‘Trad Awards’ ann an 2009. Ann an 2017 chaidh àite a thoirt dhith ann an Talla Deagh-chliù Ceòl Traidiseanta na h-Alba agus chaidh urram MBE a bhuileachadh oirre airson an t-seirbheis a thug i, agus a tha i a’ toirt fhathast, do cheòl Gàidhlig, Cultar agus Fòghlam ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.
San latha an-diugh tha i air aon de na seinneadairean as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig. A thuilleadh air sin, tha i air a bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig bho 1982, a’ bhliadhna mus do thòisich na cùrsaichean làn-ùine, agus a’ teagasg air a’ Chùrsa BA aig an t-Sabhal bho 1993.
Duaisean
[deasaich | deasaich an tùs]- 1974 Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail
- 1978 Pan Celtic Festival
- 2009 ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba
- 2017 Talla Deagh-chliù Ceòl Traidiseanta na h-Alba
- 2018 MBE
Clàran
[deasaich | deasaich an tùs]- 1982 Àite Mo Ghaoil
- 1990 Quiet Tradition (còmhla ri Alison Kinnaird)
- 1994 Mairidh Gaol is Ceòl (còmhla ri Mac-Talla)
- 1995 ’S Tu Nam Chuimhne
- 2001 Gun Sireadh, Gun Iarraidh
- 2003 An Turas (còmhla ri Brian Ó hEadhra)
- 2017 Gràdh is Gonadh – Guth ag aithris
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Naidheachdan 2018-06-11: Seinneadairean Gàidhlig a' faighinn MBE (bhideo: 2:33)
- BBC Naidheachdan 2016-10-19: Nòs?
- Tobar an Dualchais: Christine Primrose
- Sabhal Mòr Ostaig: Christine Primrose
- BBC: Beag air Bheag: Seinneadair na Seachdain: Christine Primrose