Charles de Gaulle

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Charles de Gaulle
General Charles de Gaulle in 1945.jpg
president

18 dhen Ògmhios 1940 - 3 dhen Iuchar 1944
← no value - no value →
1. ceann-suidhe Riaghaltas Sealadach Poblachd na Frainge

3 dhen Ògmhios 1944 - 20 dhen Fhaoilleach 1946
Philippe Pétain, Pierre Laval - Félix Gouin
Co-phrionnsa Andorra

20 dhen Lùnastal 1944 - 20 dhen Fhaoilleach 1946
Philippe Pétain - Félix Gouin
Minister of National Defence

1 dhen Ògmhios 1958 - 8 dhen Fhaoilleach 1959
Pierre de Chevigné - Pierre Guillaumat
Ceann-suidhe na Comhairle

1 dhen Ògmhios 1958 - 8 dhen Fhaoilleach 1959
Pierre Pflimlin - Michel Debré
Co-phrionnsa Andorra

8 dhen Fhaoilleach 1959 - 28 dhen Ghiblean 1969
René Coty - Alain Poher
Ceann-suidhe Poblachd na Frainge

8 dhen Fhaoilleach 1959 - 28 dhen Ghiblean 1969
René Coty - Georges Pompidou
Beatha
Ainm slàn Charles André Joseph de Gaulle Maillot
Breith Taigh-breith Charles de Gaulle, 22 dhen t-Samhain 1890
Dùthaich  An Fhraing
Àite-fuirich Taigh-breith Charles de Gaulle
Lùchairt na h-Élysée
Cinneadh Frangaich
Ciad chànan Fraingis
Bàs Colombey-les-Deux-Églises, 9 dhen t-Samhain 1970
Àite-adhlacaidh Colombey-les-Deux-Églises
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (aneurysm)
Teaghlach
Athair Henri de Gaulle
Màthair Jeanne Maillot
Cèile Yvonne de Gaulle  (1921 -  1970)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine de Gaulle family
Foghlam
Foghlam Ecole Spéciale Militaire de Saint-Cyr
Collège Stanislas de Paris
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd oifigear, stàitire, beatha-aisneisiche, military theorist, neach-poileataigs agus luchd an airm
Àitichean-obrach Ingolstadt agus Wülzburg
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Buaidh Philippe Pétain agus Charles Maurras
Seirbheis san arm
Meur an airm French Army
Free France
Ìre seanalair bragàid
Strì An Cogadh Mòr
Algerian War
An Dàrna Cogadh
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
Pàrtaidh poileataigeach Aonadh nan Deamocratach airson na Poblachd
Cruinneachadh Muinntir na Frainge
IMDb nm0208540
Charles de Gaulle Signature 2.svg

B’ Charles André Joseph Marie De Gaulle, (Lille,[1] 22na An t-Samhain 1890 – 9mh An t-Samhain Colombey-les-Deux-Églises 1970) seanailear Frangach agus stàitire a bha os cionn feachdan Saora na Frainge ri linn an Dàrna Cogaidh. Stèidhich e 5mh Poblachd na Frainge ann an 1958 is bha e na cheann-suidhe bho 1959 gu ruige 1969. S’ e Général de Gaulle neo gu sìmplidh Le Général an t-ainm a tha airsan anns an Fhraing, ged an tug a chuid nàmhaidean am far-ainm "La Grande Zhora" air.

Teaghach agus Foghlam[deasaich | deasaich an tùs]

S’e mac Henri de Gaulle (18481932), saighdear agus mhaighstir sgoile agus Jeanne Maillot (18601940) a bh’ann. Bha an teaghlach aige uabhasach caitligeach. Phòs athair ris a’ cho-ogha Jeanne ann an 1886. Bha freumhan iar-fhlaitheach à Normandaidh agus Burgundaidh aige a bharrachd air na Mac Cartan à Èirinn,[2] agus s’ e ollamh ceilteach ainmeil a bh’ann bràthair-athar. Chaidh e dhan sgoil Stanislas ann an Paris. Leugh de Gaulle Maurice Barrès, Henri Bergson agus Charles Péguy. Bha e na oileanach aig an Sgoil Saighdearachd Saint-Cyr bho 1908 gu ruige 1912. Chaidh e dhan 33mh rèisimeid-coise an dèidh sin, is e fon sheanailear Philippe Pétain. Phòs e ri Yvonne Charlotte Anne Marie Vendroux ann an 1921 is fhuair iad triùir duine-chloinne, Philippe (a rugadh ann an 1921), Élisabeth (a rugadh ann an 1924) agus Anne (19281948. Bha Downs aig Anne.

Ro 1940[deasaich | deasaich an tùs]

Ghabh e pàirt mar shaighdear anns A’ Chogadh Mhòr. Fhuair e deagh chliù ri linn a’ chogaidh sin. Chaidh e leòinte iomadh turas agus dh’fhàs e a bhith na chaiptean. Chaidh e a chur an greim leis na Gearmailtich aig Verdun ann an 1916, ach dh’fheuch e ri teiche air ais dhan chogadh còig tursan.[3] Ghabh e pàirt ann an cogadh ri taobh na Pòlainnich an aghaidh na Ruisianich eadar 1919 agus 1921. Bha e an sàs fad na 20an is na 30an anns an iomairt airson tancaichean is plèanaichean cogaidh a bhrosnachadh, is e dhen bheachd gum biodh an stuth seo an dòigh na b’ fheàrr airson staing cogadh na trainnsichean a sheachnadh anns na làithean ri teachd. Fiù’s sgrìobh e leabhraichean mun chuspair. Gu mì-fhortanach, cha robh seanailearan na Frainge air an aon ràmh is thog iad mur dìon, La Ligne Maginot, an aghaidh tancaichean is plèanaichean fhaighinn. Bha na smuaintean aige glè chudromach dha na Gearmailtich agus chleachd iad na sgrìobh de Gaulle an aghaidh na Frainge anns a’ Chogadh Thàirneanaich (Gearmailtis: Blitzkreig).[4] Leugh Hitler ann leabhar a sgrìobh e mu dheidhinn a’ chogaidh ùire, Vers l’Armée de Métier (Gu ruige Arm proifeiseanta) (1934).[5]

An Dàrna Cogaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ri linn an Dàrna Cogaidh, chaidh e ainmeachadh na cheann-fheadhna eadar-amail,[6] is e os cionn ionnsaighean soirbheachail le tancaichean an aghaidh na Gearmailtich ann an 1940.[7] An dèidh Tuiteam na Frainge, theich e na fhògarrach gu Sasainn is chuir e air dòigh Feachdan Saora ne Frainge (Fraingis: Forces Française Libres) còmhla ri feadhainn bhon riaghaltas a bha nam fògarraich thall ann an Lunnainn cuideachd. Bha na mìltean dhe Fraingich nam fògarraich thall thairis aig an àm an dèidh Dunkirk. Thall ann an Sasainn, rinn e oraid ainmeil, ris an canar A’ Ghairm (Fraingis: L’Appel)[8] air an radio air an 18mh latha dhen Ògmhios 1940,[9] is e ag iarraidh air an nàisean a chur an aghaidh na Gearmailtich nàsach. Thuirt e: “Tha an Fhraing air batail a chall, ach chan eil An Fhraing air an cogadh a chall fhathast”.[10] Ghabh e pàirt mar cheannard nam Frangach anns na h-iomairtean an aghaidh nan Nàsach air feadh na Roinne Eòrpa agus chaidh e a-steach gu Paris air 25mh latha dhen Lùnasdal 1944.[11] Bha e na phrìomhaire ann an riaghaltas eadar-amail na Frainge an dèidh an t-Saoraidh ann an 1944 is chuir e na feachdan aige air ais do Vietnam, Cambodia agus Laos, a bha airson a bhith an cuid neo-eiseimileachd a ghairm bhon an Fhraing.[12] Leig e dheth am poileataigs ann an 1944, air sàilleabh sabaidean poiliteagach is chuir e seachad dà bhliadhna deug far a’ bheatha phoblach.

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Thill e dhan riaghaltas le taic bho na seanailearan airson staing phoiliteagach a sheachnadh ann An Cèitean 1958.[13] Stiùirich e sgrìobhadh Bun-Reachd ùr gus Còigeamh Poblachd na Frainge a stèidheachadh, is chaidh e a thaghadh mar cheann-suidhe an ath-bhliadhna.[14] Mar cheann-suidhe na Dùthcha, chuir Charles de Gaulle stad air a’ mhì-riaghailt phoiliteagach agus an ainneart a bh’ann mus do thill e dhan riaghaltas. Aig an toiseach chuireadh e taic dhan riaghaltas Frangach ann an Aildiria ach, gu connspaideach, cho-dhùin e neo-eisimeileachd a thoirt gu Aildiria mu dheireadh thall. Chuir sin stad air cogadh cosgail mì-chòrdte, ach bha An Fhraing air a sgaradh. Dh’ùraich e an t-airgead ann Am Faoilleach 1960 airson smachd a ghabhail air na h-atmhorachd is gus fàs a thoirt dhan eaconomaidh.[15] Bha De Gaulle an sàs ann an leasachadh na h-armachd niùclasach agus bhrosnachadh e polasaidhean airson an Roinn Eòrpa gu lèir, is e a’ feuchainn ri buaidh Na Stàitean Aonaichte is Sasainn a lùghdachadh. Thug e An Fhraing à NATO,[16] is bha e an aghaidh gun d’fhuair An Rìoghachd Aonaichte ballrachd Coimhearsnachd na Roinn Eòrpa. Choinnich e An t-Sìona Comunnach.[17] Aig deireadh na cùise, bha e cho connspaideach gun d’fhuair e dubh-chàineadh bho na luchd-dùbhlain, gu h-àraidh na Comannaich is na Sòisealaich, is b’fheudar dha trioblaidean mòra a shabaid ann An Cèitean 1968, is na h-oileanaich is na luchd-obrach a’ togail fianais anns na sràidean. Leig e dheth a dreuchd ann an 1969,[18] ach ‘s e an ceannard poiliteagach na Frainge as chudromaiche nar làithean gus an latha an-diugh a bh’ann.

A bharrachd air sin stèidhich e deagh chàirdeas eadar An Fhraing agus A’ Ghearmailt, air an togadh Aonadh na Roinne Eòrpa.[19] Bha connspaideach thall ann an Canada far an tuirt e gu poblach gu robh e airson neo-eisimeileachd Quebec is e air turas oifigeil aig an àm.[20]

Bàs[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail de Gaulle aig an taigh ann an Colombey-les-Deux-Églises air an 9mh latha dhen Shamhain 1970 le at-cuisle.[21] Bha e faisg air a bhith ochdad bliadhna a dh’aois. Nuair a bhàsaich e thuirt ceann-suidhe na dùthcha gu robh An Fhraing na banntrach às aonais de Gaulle.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. J Bradford-Delong
  2. Charles de Gaulle
  3. Charles de Gaulle
  4. History Learning Site
  5. J Bradford-Delong
  6. J Bradford-Delong
  7. Charles de Gaulle
  8. France Libre
  9. Charles de Gaulle
  10. Brainy Quotes
  11. Charles de Gaulle
  12. Herdote
  13. BBC
  14. J Bradford-Delong
  15. Arte Historia
  16. Arte Historia
  17. J Bradford-Delong
  18. BBC
  19. Arte Historia
  20. CBC
  21. J Bradford-Delong