Lille
Coltas
Lille
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | Nord-Pas-de-Calais-Picardie | ||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 50° 38’ 14 Tuath 03° 03′ 48 Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 34.83 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 225,784 (2008) | ||||
| Dlùths | 6,482.46/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | www.lille.fr | ||||
'S e baile mòr gnìomhachail ann an ceann a tuath na Frainge a th’ ann an Lille (IPA: lil, Duitsis: Rijsel, Spàinntis: Lila, Eadailtis: Lilla). 'S ann às an fhacal l’île (Fraingis: an t-eilean) a tha ainm a’ bhaile is tha e suidhichte faisg air a' Bheilg, aig 25m os cionn ìre na mara,[1] air bruich na h-aibhne Deûle[2] anns a’ cheàrn (Fraingis: Région) Nord-Pas-de-Calais-Picardie, anns an sgìre (Fraingis: Département) Nord, 203km air falbh bho Pharis, prìomh-bhaile na dùthcha, 66km bho Ghent agus 93km bhon a' Bhruiseal.[3] Tha àireamh-sluaigh dhe 225,784 aig a’ bhaile,[4] an 8mh baile as motha san dùthaich.[5]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Charles de Gaulle (1890 – 1970): saighdear, stàitire.
- Philippe Noiret (1930 – 2006): actair.