Jump to content

Leticia (baile)

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 03:50, 3 dhen Dàmhair 2022 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Leticia
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Amazonas
Sgìre Amazonas
Àirde 96m
Co-chomharran 04º 12' 19' Tuath
69º 55' 58' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 5,968 km²
Àireamh-shluaigh 37,832 (2005)
Dlùths 6.34/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag ann an Amazonas, Coloimbia,[1] a th' ann Leticia. Tha e suidhichte dìreach am broinn na coilltean-uisge na Amazon, 730km mu dheas air Bogotá. Tha àirde meadhanach dhe 96m os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd meadhanach dhe 25˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1867.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Thug an Ceann-feadhna Benigno Bustamante an t-ainm dhe San Antonio (Bhon fhacal Laideann Sanctus neo naomh[2] agus an t-ainm Antoine)[3] dhan Ghearasdan Pearuach sin ann an 1867. Dh'atharraich an Ceann-feadhna Manuel Chacón an t-ainm gu Leticia ann an 1900,[4] 's dòcha mar chuimhne air Leticia Smith, boireannach òg a bha a' fuireach ann an Iquitos aig an àm.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 37,832 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 14,021 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Leticia(is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th' ann an 25.8% agus tha 2.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 88.5% dhe na daoine ann an Leticia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 37.4% dhe na dachannan.[7]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Leticia. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Oilthighean

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Leticia

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Real Academia de la Lengua
  3. AMerican catholic
  4. Leabharlann Luis Angel Arango
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Cololmbia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia