Jump to content

Alþýðuflokkurinn

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 14:16, 27 dhen Dùbhlachd 2019 le Allmhurach (deasbaireachd | mùthaidhean)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Alþýðuflokkurinn
Pàrtaidh nan Daoine
Fiosrachadh
Stèidheachadh 12 am Màrt 1916
Luchd-stèidheachaidh Jón Baldvinsson Ólafur Friðriksson
Àite-Stèidheachaidh Reykjavík
Beachd-smuainealas Eachdraidheil Deamocrasaidh sòisealta

B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bha a' gabhail ri poilitigs deamocratach sòisealta a bh' ann an Alþýðuflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh nan Daoine).[1] Chaidh Alþýðuflokkurinn a stèidheachadh ann an Reykjavík ann an 1916 mar ghuth nan aonaidhean-ciùird.[2] Cha d' fhuair e a' chiad þingmaður (Gàidhlig: ball-pàrlamaid) aige ach ann an 1920, nuair a chaidh Jón Baldvinsson a thaghadh. Thoisich Alþýðuflokkurinn ri fhàs an dèidh 1934, nuair a ghabh Innis Tìle ri riochdachadh co-rèireach. Bha triùir Forsætisráðherra (Gàidhlig: prìomh-mhinistear) aca: Stefán Jóhann Stefánsson (1947 - 1949), Guðmundur Emil Jónsson (1958 - 1959) agus Benedikt Sigurðsson Gröndal (1979 - 1980). Bha Alþýðuflokkurinn anns an riaghaltas ann an co-bhann le Sjálfstæðisflokkurinn bho 1959 gu ruige 1971. Sgarr buidheann òigridh na làimhe chlì on phartaidh ann an 1930, agus stèidhich iad pàrtaidh Comannach fa leth, air an robh Kommúnistaflokkur Íslands.[3] ach thill iad ann an 1938. Dh'aontaich Alþýðuflokkurinn, Alþýðubandalagið, Kvennalistinn, agus Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins ri Samfylkingin a stèidheachadh ann an 2000. A bharrachd air sin, b' ann gu Alþýðuflokkurinn a bhuinneadh Jóhanna Sigurðardóttir, a' chiad thè ann an eachdraidh na dùthcha agus a' chiad neach LCDT a bhios na Forsætisráðherra a-riamh, ro 1994.

Prìomh-mhinistearan

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha triùir Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) aige nuair a bha am pàrtaidh ann:

Cinn-suidhe

[deasaich | deasaich an tùs]

On a ghabh Innis Tìle ris a' Phoblachd ann an 1944 tha dìreach aon duine a tha na bhall a' Phàrtaidh air a bhith na fhorseti (Gàidhlig: Cheann-suidhe):

Cathraichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Taghaidhean dhan Alþing

[deasaich | deasaich an tùs]

Seo na torraidhean a fhuair Alþýðuflokkurinn anns na Taghaidhean dhan Alþing, 1942 nam measg, a-rèir Dieter Nohlen (2010);[5] agus bho 1946 a-rèir Peter Flora (2000).[6]

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Alþingi
  2. Eiríkur Bergmann Einarsson; Eirikur Bergmann (31 January 2014). Iceland and the International Financial Crisis: Boom, Bust and Recovery. Palgrave Macmillan. p. 34. ISBN 978-1-137-33200-4
  3. Verklýdsblaðið
  4. Vísindavefurinn
  5. Dieter Nohlen, Philip Stöver: Elections in Europe. A Data Handbook, Baden-Baden 2010, S. 947–86
  6. Peter Flora, Franz Kraus, Franz Rothenbacher: The Societies of Europe. Elections in Western Europe since 1815, London/Oxford 2000. ISBN 0-333-77111-7
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: