Kommúnistaflokkur Íslands
| Kommúnistaflokkur Íslands Pàrtaidh Comannach Innise Tìle | |
| Fiosrachadh | |
| Stèidheachadh | 3 an Dùbhlachd 1930 |
| Luchd-stèidheachaidh | Brynjólfur Bjarnason |
| Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
| Beachd-smuainealas Eachdraidheil | Co-mhaoineas |
B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bha a' gabhail ri Co-mhaoineas a bh' ann an Kommúnistaflokkur Íslands (Gàidhlig: Pàrtaidh Comannach Innise Tìle).[1] Chaidh buidheann òigridh na làimhe chlì, air an robh Félag ungra kommúnista (Gàidhlig: Commann nan Comannach Òga), a stèidhedachadh am broinn Alþýðuflokkurinn - Pàrtaidh deamocratach sòisealta - ann an 1922. B' e gu robh ideòlas an fheadhainn siud gu math eadar-dhealaichte bho bheachdan Alþýðuflokkurinn air fad agus ann an 1930, fo bhuaidh na Comintern, stèidhich iad pàrtaidh Comannach fa leth.[2] Ghabh iad pàirt anns na taghaidhean dhan Alþingi (pàrlamaid) ceithir tursan fad na 30an. Mu dheireadh thall, ann an 1937, bha triùr þingmenn (Gàidhlig: buill-pàrlamaid) commanach air an taghadh: Brynjólfur Bjarnason, Einar Olgeirsson agus Ísleifur Högnason. Mhair Kommúnistaflokkur Íslands gu ruige 1938 nuair a thill iad gu Alþýðuflokkurinn. B' e Verklýdsblaðið a bh' ann pàipear-naidheachd a' pàirtidh.
Taghaidhean dhan Alþingi
[deasaich | deasaich an tùs]Seo na torraidhean a fhuair Kommúnistaflokkur Íslands anns na taghaidhean dhan Alþingi, a-rèir Dieter Nohlen (2010).[3]
| Taghaidhean dhan Alþingi | ||
|---|---|---|
| Bliadhna | % | Seataichean |
| 1931 | 3,0 | 0 |
| 1933 | 7,5 | 0 |
| 1934 | 6,0 | 0 |
| 1937 | 8,5 | 3 |
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Alþingi
- ↑ Verklýdsblaðið
- ↑ Dieter Nohlen, Philip Stöver: Elections in Europe. A Data Handbook, Baden-Baden 2010, S. 947–86
