Baile Steafain
O Uicipeid
'S e baile ann an Sìorrachd Inbhir Air a Tuath a tha ann am Baile Steafain (Beurla: Stevenston). 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 38′ 41.64″ Tuath agus 4° 45′ 30.6″ Iar.
Anns a' bhliadhna 2006 bha 8,990 duine a' fuireach an seo.
Rugadh Lesley Baillie ann am Baile Steafain ann an 1768, an tè a tha a’ nochdadh ann am bàrdachd Raibeart Burns mar "Bonnie Lesley". Thachair Burns rithe ann an 1792.
Tha tobhtaichean Chaisteal Kerelaw air àird a tuath Bhaile Steafain.
Ceanglaichean a-mach[deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS2642542489