Allmhaigh
O Uicipeid
'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Deas a tha ann an Allmhaigh (Beurla: Alloway). Tha e na fhrith-bhaile Ayr agus tha e suidhichte air bruach Abhainn Dhùin. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 25′ 48″ Tuath agus 4° 38′ 9.6″ Iar.
'S e àite-brèith Raibeart Burns a th’ ann, agus an t-àite far a bheil an dàn ainmeil aige , "Tam o' Shanter" a’ cluich. An-diugh tha taigh-tasgaidh ann ris an canar Burns Cottage.
Tha tobhtaichean de sheann eaglais ann, Alloway Kirk agus seann drochaid thairis air Abhainn Dhùin.
Tha gnìomhachas-turasachd gu math laidir ann an Allmhaigh.
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 334 186