Bun na Dubh Abhann
'S e baile beag ann an Arainn, eilean ann an Linne Chluaidh, a tha ann am Bun na Dubh Abhann (Beurla: Blackwaterfoot).
Tha am baile suidhichte ann an Gleann Sheasgann air àird an iar-dheas an eilein. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 30′ 0″ Tuath agus 5° 20′ 0″ Iar.
Tha aon den dà raon goilf le 12 toll san Roinn Eòrpa ann.
Faisg air a' baile tha Rubha a' Bharra (no Rubha an Dùin) (Beurla: Drumadoon Point), far a bheil seann dùn à Linn an Iarainn. Rud beag tuath air tha Uamh an Rìgh (Beurla: King's Cave), agus thathar ag ràdh gum b' e àite-falaich Raibeart Brus a bha ann.
Ainm Gàidhlig[deasaich]
Tha mòran dòighean sgrìobhaidh eadar-dhealaichte ann. Tha Iain Mac an Tàilleir ag ràdh: Bun na Dubh Abhann is Bun na h-Abhann [1]. Cleachdar SMO cuideachd: Bun na Dubh Abhainn agus Dubh Abhainn. [2]
Tùsan[deasaich]
- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 19, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Stòr-dàta SMO
Ceanglaichean a-muigh[deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NR 895 280