Cille Bhrìghde an Iar
O Uicipeid
'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath a tha ann an Cille Bhrìghde an Iar (Beurla: West Kilbride). [1] Tha am baile suidhichte air còrsa an iar Alba faisg air Linne Chluaidh. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 41′ 47.76″ Tuath agus 4° 51′ 27.36″ Iar.
Còmhla ri Seamill agus Portencross bha 4,393 duine a' fuireach an seo ann an 2001. [2]
Tha Arainn le Gaoda Bheinn ri fhaicinn bhon an seo.
Tha ceithir caistealan timcheall air Cille Bhrìghde an Iar:
- Law Castle, a chaidh a thogail anns an 15mh linn airson Màiri, piuthar Sheumais III. Tha e suidhichte aig cois Law Hill.
- Portencross Castle, a chaidh a thogail anns an 14mh linn. Tha e dìreach ri taobh na mara aig port-mara Port na Coise.
- Hunterston Castle, anns an fhearann Hunterston.
- Crosbie Castle (cuideachd Crosbie Towers) air àird an iar-thuath Cille Bhrìghde an Iar. B’ e Crosbie Castle an dachaigh aig Sir Ranald Craufurd (a bha ceagailte leis an teaghlach Uilleam Uallas) anns an 13mh linn, canar gun do chuir Uallas uine seachad ann an Crosbie.[3] Chaidh an caisteal a thogail a-rithist air sgàths gun robh pàirt dhen tùr tùsail ga leagail sìos anns an 17mh linn.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Stòr-dàta SMO
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
- ↑ Lamb, Rev. John, BD (1896). Annals of an Ayrshire Parish - West Kilbride, duilleag 94. Glaschu: John J. Rae.
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS2042848492