Dail Mhaol Chiarain

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Dail Mhaol Chiarain
Mansa Dhail Chiarain

'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Deas a tha ann an Dail Mhaol Chiarain (Beurla: Dailly). [1] Tha e suidhichte air bruach Abhainn Gharbainn. Tha e mu 5 mìltean air àird a deas a’ Mhaigh Baoghail agus mu 3.1.mìltean ear air Seann Dail Mhaol Chiarain. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 16′ 12″ Tuath agus 4° 43′ 12″ Iar.

Anns a' bhliadhna 2001 bha 908 duine a' fuireach an seo.[2]

Chaidh a thogail mar bhaile gual-tochladh anns na 1760an.

Tha Mansa Dhail Chiarain air taobh tuath a' bhaile. Chaidh a thogail ann an 1786. B' e sin an ostail-òigridh as motha ann an Alba eadar 1936 is an Dàrna Cogadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Stòr-dàta SMO
  2. Scotland's Census Result OnLine

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 272 007