Crosshouse

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Eaglais ann an Crosshouse
Clach airson cuimhe a thoirt do dh'Andrew Fisher

'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir an Ear a tha ann an Crosshouse. Tha am baile suidhichte faisg air Cill Mhearnaig. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 36′ 44″ Tuath agus 4° 33′ 10″ Iar.

Ann an 2001 bha 2,454 duine a' fuireach an seo.[1]

Chaidh am baile a thogail anns an 19mh linn airson nam mèinnearan dhen sgìre seo. Chun a' bhliadhna 1882 bha e na phàirt dhen sgìre Cille Mhàra.

Daoine ainmeil[deasaich | edit source]

Rugadh Andrew Fisher, (29 an Lùnasdal 1862 - 22 an Damhair 1928 ann an Lunainn) prìomh-mhinistear Astràilia, ann an Crosshouse anns a’ bhliadhna 1862. Bha e ag obair ann an toll-guail mus do dh’imrich e do dh'Astràilia ann an 1885. Bha e na prìomh-mhinistear trì tursan.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Scotland's Census Result OnLine

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 392 384