Seasgann

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Eaglais ann an Seasgann

'S e baile beag ann an Arainn, eilean ann an Linne Chluaidh, a tha ann an Seasgann (Beurla: Shiskine).[1] Tha am baile suidhichte ann an Gleann Sheasgann faisg air Bun na Dubh Abhann. Tha Beinn Nuis agus Beinn Bharrain faisg air. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 31′ 0″ Tuath agus 5° 18′ 0″ Iar.

Tha sgoil agus eaglais ann. Faisg air Seasgann tha tursachan ann. Tha ionad luchd-tadhail, am Balmichael Visitor Centre, air àird a tuath a' bhaile.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Stòr-dàta SMO

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NR910294