Zaragoza (provincia)
Zaragoza
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Zaragoza City (en) | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 17,275 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 973,325 (2014) | ||||
Dlùths | 56.34/km² | ||||
Àireamh fòn | + (976) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Zaragoza (IPA: θaɾaˈɣoθa). Tha e na laighe ann an Aragón, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Zaragoza a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Aragòin i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Zaragoza fad 17,275km²[3] agus tha 973,325 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an ceathreamh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 15mh tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le Soria, Lleida, Teruel, Nafarroa, La Rioja, Guadajara, Tarragona agus Huesca.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à Caesaraugusta[6] ann an Laideann a tha an t-ainm, air sàilleabh gu robh baile air a stèidheachadh san sgìre le Octavius Augustus airson seann shaighdearan nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach.[7] Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean gu Zaragoza ann an Catalanais (k → s) agus fiù 's nas fhaide na sin ann an Spàinntis (k → s → θ). Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Bailtean Eile
[deasaich | deasaich an tùs]Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Sivan, Keay H.S., Mathisen R, Talbert R., Gillies S., Åhlfeldt J., Becker J., Elliott T., Places: 246344 (Col. Caesaraugusta), Pleiades.
- ↑ Fatás G., Guía Histórico-Artística de Zaragoza, Zaragoza, Institución «Fernando el Católico»-Ayto. de Zaragoza, 2008, ISBN 978-84-7820-948-4.