Zuera
Zuera
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 41° 52' 09 Tuath 00° 47' 17 Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 332.25 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 7,978 (2010) | ||||
| Dlùths | 24.01/km² | ||||
| Àireamh fòn | + 34 965 | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil | ||||
'S e baile beag anns an Spàinn a tha ann an Zuera (IPA: θweɾa, Catalanais: Suera). Tha e suidhichte aig 279m os cionn ìre na mara ri taobh na h-aibhne Gállegos, air an àirde an ear-dheas na dùthcha, dìreach air iomall Zaragoza san roinn Aragón. Dh'ath-cheannsaich na Spàinntich am baile ann an 1180. Bu làidir a bhuaidh a thug Cogadh Sìobhalta na Spàinne (1936 - 1939) air Zuera: bha am baile ann an meadhan a' chogaidh fad na h-ùine agus chaill mòran am beatha.[1]
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à Zubi (drochaid) ann am Basgais a tha an t-ainm, leis gu bheil Dùthaich nam Basgach faisg air làimh agus an sgìre air fad fo buaidh nam Basgach an dèidh nan Ròmanach. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann às an Arabais zuhayra[2] (àlainn) a tha an t-ainm. Chanadh Gallicum ris nuair a bha na Ròmanaich làidir san Spàinn.