Jump to content

Odón de Buen y del Cos

O Uicipeid
Odón de Buen y del Cos
Senator of the Kingdom (en) Translate

1907 - 1910
Sgìre: Barcelona (en) Translate
Member of the Consultative National Assembly (en) Translate

10 dhen Dàmhair 1927 - 15 dhen Ghearran 1930
stiùiriche

1928 -
Beatha
Breith Zuera, 18 dhen t-Samhain 1863
Dùthaich  An Spàinn
Ciad chànan Spàinntis
Bàs Meagsago, 3 dhen Chèitean 1945
Teaghlach
Cèile Rafaela Lozano (en) Translate
Clann
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd lus-eòlaiche, oceanographer (en) Translate agus neach-poileataigs
Fastaichean Oilthigh Bharcelona
Duaisean a fhuaras
Far-ainmean Polemófilo
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Catalan Solidarity (en) Translate

B' e eòlaiche-nàdair, cuan-eòlaiche, lus-eòlaiche agus fear-poileataigs às An Spàinn a bh'ann an Odón de Buen y del Cos (Zuera, 18 an t-Samhain 1863 - Meagsago, 3 an Cèitean 1945).[1]

Beatha agus Obair

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh agus thogadh e ann an Zuera, baile beag leth shligheach eadar Huesca agus Zaragoza. Mac Mariano de Buen Ropín (tàillear) agus Petra del Cos Corroza, ghluais an teaghlach a Zaragoza fhèin airson cothrom a thoirt dha a dhol dhan àrd-sgoil. Thus e oide dhan na sgoilearan eile fhad 's a bha e san sgoil. Thug e ceum ann an ceimigeachd aig Oilthigh Mhadrid ann an 1884 le taic-airgid a thug Comhairle Zuera dha. Rinn e dotaireachd an sin ann an nàdarrachas ann an 1887.[2]

Ann an 1885 fhuair e fiathachadh a dhol air turas-mara gu Lochlann air bhòrd an fhrigead Blanca. Dhùisg an turas a bha seo uidh air a' mhuir aige. Nuair a thill e lorg e obair agus le sin bho bha e na thidsear ainmh-eòlas agus luibh-eòlas aig Oilthigh Bharcelona 1889 gu ruige 1911. Fhuair e droch chàineadh às an Eaglais Chaitligeach leis gu robh e airson na beachdan aig Charles Darwin mu mhean-fhàs agus o chionn 's gu robh e airson poblachd anns An Spàinn.[3] Stèidhich e Institiùd Cuan-eòlas na Spàinne (Spàinntis: Instituto de Oceanografía Española) ann an 1914.[4]

Bha e air taobh na Poblachd agus air sàilleabh sin b' fheudar dha an dùthaich aige fhàgail ann dèidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne. Chaochail e na fhògarrach thall ann am Meagsago, far a bheil a chuid oghaichean fhathast ann.[5] Bha a mhac, Sadí de Buen Lozano (1893 - 1936), na eòlaiche-parasaite a rannsaich mailèiria. Chaidh a chur gu bàs tron chogadh leis na Faisistich.[6]

Na Sgrìobh e

[deasaich | deasaich an tùs]
  • De Kristiania a Tuggurt (1887)
  • Mis Memorias: Zuera, 1863 - Toulouse, 1939 (2003).

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cuaderno de Cultura Científica/ NNDB
  2. Odón de Buen. (1863- 1945). Biografía de un oceanógrafo aragonés”. Asociación Aragón Interactivo y Multimedia. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2017.
  3. Es Materia
  4. IEO
  5. Usón, Víctor (29mh dhen Mhàrt 2017): “Odón de Buen, la llama erudita de la República española que perdura en México”. El País. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2017.
  6. Francisco Giral, Ciencia española en el exilio (1939-1989): el exilio de los científicos, Editorial del Hombre, Barcelona, 1994