Soria (provincia)

O Uicipeid
Soria
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Soria
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 10,303 km²
Àireamh-shluaigh 95,223 (2014)
Dlùths 9.24/km²
Àireamh fòn + (975)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Soria (IPA: soɾja). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Soria a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Soria fad 10,303km²[3] agus tha 95,223 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 23mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an roinn as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Burgos, Guadalajara, La Rioja, Segovia agus Zaragoza.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à ainm na h'aibhne Duero (Durius ann an Laideann), a tha a' sruthadh tron sgìre. Le sin, dh'atharraicheadh an d gu s fad nan linntean, às aonais an co-fhuaimreag ue anns an Spàinntis.[6] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn nach eil an t-ainm idir nas aosda na na meadhan aoisean agus gur mathaid gur ann à so (Gàidhlig: Tùr na Faire) agus ura (Gàidhlig: abhainn) ann am Basgais. Tha teòiridh eile ann a chanas gu robh baile ann o chionn fhada air an robh Oria - bhon ainm Dorios ann an Greugais - a thug ainm dhan sgìre, ged nach eil ach glè bheag de dhaoine a tha a' gabhail ri sin an latha an'diugh. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Martínez Hernando M.C., Los Orígenes de la ciudad de Soria