Jump to content

Burgos (provincia)

O Uicipeid
Burgos
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Burgos
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 14,022 km²
Àireamh-shluaigh 375,657 (2014)
Dlùths 26.79/km²
Àireamh fòn + (947)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann am Burgos (IPA: burɣos). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Burgos a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Burgos fad 14,022km²[3] agus tha 375,657 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 12mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 36mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochan aice le Álava, Cantàbria, Guadalajara, La Rioja, Palencia, Segovia agus Valladolid.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha a h-uile coltas ann gur ann à burgus ann Laideann - às a' Ghreugais Πύργος (pyrgos) airson tùr - a tha ainm na sgìre. A bharrachd air sin, tha an eileamaid gu math cumanta ann an Castilla. B' e Caput Castellae (Gàidhligː Ceann a' Chaisteil) a chanadh ris nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach. A dh'aindeoin sin, tha cuid a' ràdh nach eil sin idir ceart agus gur ann à baurg ann an Gotais a tha e, eadar na Ròmanaich agus na h-Arabaich.[6] Mar a b’ àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha còig iadhtagan ann a bhuineas do Bhurgos ann an ceann a tuath na roinneː La Rebolleda (ann am Palencia), Sajuela, El Ternero is Miranda de Ebro (ann an La Rioja) agus Treviño (ann an Araba).[7] 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil iad nan àiteachan fa leth. Tha comhairle Treviño airson a bhith na pàirt Araba.[8]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Wright J., A Primer of the Gothic Language, 1982
  7. ABC
  8. El Correo