Álava (provincia)

O Uicipeid
Araba
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Vitoria-Gasteiz
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,963 km²
Àireamh-shluaigh 319,227 (2014)
Dlùths 107.74/km²
Àireamh fòn + (945)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Araba (IPA: aˈɾaba, Spàinntis: Álava). Tha e na laighe ann an Dùthaich nam Basgach, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Vitoria-Gasteiz a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Euskadi i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Bizkaia fad 2,963km²[3] agus tha 319,227 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an treas roinn as lugha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 9mh as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Bizkaia, Burgos, Cantàbria, Gipuzkoa, La Rioja agus Nafarroa.[5] 'S e Basgais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Alba (Gàidhlig: geal) ann an Laideann a tha an t-ainm air sàilleabh gu robh baile Ròmanach san sgìre air an rathad Ab Asturica Burdigalam eadar Astorga agus Bordeaux.[6] A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur ann à laua ann an seann Bhasgais (Gàidhlig: làn) a th e agus gun tàinig am facal gu Basgais mar Araba agus gu Spàinntis mar Álava a rèir fuaimealchd nan Cànan fhèin, leis an alt al/ar ann an Arabais.[7]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. America Pink
  7. Compendio foral de la provincia de Álava, Ramón Ortiz de Zárate, Editorial Maxtor, 2004