Jump to content

Gipuzkoa

O Uicipeid
Gipuzkoa
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Donostia
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,909 km²
Àireamh-shluaigh 709,607 (2014)
Dlùths 371.72/km²
Àireamh fòn + (943)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann am Gipúzkoa (Spàinntis: Guipúzcoa). Tha e na laighe ann an Dùthaich nam Basgach, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Donostia a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Euskadi i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Gipuzkoa fad 1,909km²[3] agus tha 709,607 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an roinn as lugha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 21mh as motha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Araba, Bizkaia agus An Fhraing.[5] 'S e Basgais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à Giputz (Gàidhlig: druim) ann am Basgais a tha an t-ainm.[6] Tha am facal seo ceangailte ri ip (Gàidhlig: tuath).

Chaidh an sgìre seo a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1025 mar Ipuscoa.[7]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Gipuzkoa Net
  7. Gerotzik[dead link]