Guadalajara (provincia)
Guadalajara
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Guadalajara | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 12,167 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 256,461 (2014) | ||||
Dlùths | 21.08/km² | ||||
Àireamh fòn | + (949) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Guadalajara (IPA: ɡwaðalaˈxaɾa). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann am meadhan na dùthcha. 'S e Guadalajara a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Guadalajara fad 12,167km²[3] agus tha 256,461 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 17mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 42mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ciudad Real, Cuenca, Madrid, Segovia, Soria, Teruel agus Zaragoza.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à وادي الحجرة (wād al-ḥaŷara) a tha an t-ainm, a tha a' ciallachadh abhainn Henares[6] ann an Arabais. 'S e eileamaid gu math cumanta ann an ainmean-àite na Spàinn a th' ann guad-. Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean, a' cur g aig an toiseach air sàilleabh nach eil am fuaim wa ann aig toiseach facal sam bi ann an Spàinntis. 'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd Henares. Tha cuid dhen bheachd gur ann à caisteal (ḥaŷara) ann an Arabais.[7] A dh'aindeoin sin, tha luchd-rannsachaidh eile ann a tha a' toirt taic do fhreumhan ann am Basgais, 's dòcha bho harrikada (Gàidhlig: àite clachach).[8] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha iadhtag ann, a bhuineas do Ghuadalajara, thall air an àirde an iar na roinne, ann am Madrid. 'S e Torrejón del Rey an t-ainm a tha air.[9] 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil e na àite fa leth air. Tha 5,150 duine a' fuireach ann.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Herráiz Gascueña M.G., Ruta de las Rondas, 7 paseos por Cuenca, Ayuntamiento de Cuenca, 2008.
- ↑ Makki, M. A., Introducción para el estudio de los topónimos de origen árabe en España, Instituto Egipcio de Estudios Islámicos, Madrid, 1996, ISBN 978-84-920110-2-5.
- ↑ Ranz Yubero J, A., Diccionario de toponimia de Guadalajara, Aache ediciones, Guadalajara, 2007, ISBN 84-96236-97-8
- ↑ Ayuntamiento de Torrejón del Rey