Cuenca (provincia)

O Uicipeid
Cuenca
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Cuenca (en) Translate
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 17,141 km²
Àireamh-shluaigh 219,138 (2014)
Dlùths 12.78/km²
Àireamh fòn + (969)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Cuenca (IPA: kweŋka). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Cuenca a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Cuenca fad 17,141km²[3] agus tha 219,138 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 35mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 44mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochan aice le Albacete, Ciudad Real, Guadalajara, Madrid, Teruel, Toledo agus València.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e coltach gur ann à قونكة (Qūnkatu) [6] ann an Arabais a tha an t-ainm, air sàilleabh gu robh dùn os cionn prìomh-bhaile na sgìre, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Arabach.Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean, a' call an ق (qaf) agus an t-iar-leasachan -tu, a' toirt dhuinn Conca ann an Catalanais agus Cuenca Spàinntis. Tha an fhuaimreag o air atharrachadh dhan dhà-fhoghair ue (/ɔ/ gu /wo/), rud a tha a' tachairt daonnan sa chànan sin.[7] Mar a b’ àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Herráiz Gascueña M.G., Ruta de las Rondas, 7 paseos por Cuenca, Ayuntamiento de Cuenca, 2008.
  7. Boletín de Filología