Albacete (provincia)
Albacete
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Albacete | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 14,918 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 402,318 (2014) | ||||
Dlùths | 26.97/km² | ||||
Àireamh fòn | + (967) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Albacete (IPA: alβaˈθete). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Albacete a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Albacete fad 14,918km²[3] agus tha 402,318 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 9mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 35mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Alacant, Almería, Ciudad Real, Cuenca, Granada, Jaén, Murcia agus València.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à الباسيتي (Al-Basit) [6] ann an Arabais a tha an t-ainm, a tha a' ciallachadh làn no rèidh. Tha cruth na tìre a' gabhail ri seo. Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean: tha an connrag s air atharrachadh gu θ, rud a tha a' tachairt daonnan sa chànan sin. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.