Uclés
Uclés
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Cuenca | ||||
Sgìre | Castilla-La Mancha | ||||
Co-chomharran | 39° 58' 54 Tuath 02° 51' 44 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 64.61 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 212 (2020) | ||||
Dlùths | 3.28/km² | ||||
Àireamh fòn | + 00 969 | ||||
Duilleag oifigeil | http://ucles.es/ |
'S e baile beag faisg air Tarancón, ann cridhe na Spàinne, suidhichte aig 863m os cionn ìre na mara, 's a th' ann an Uclés. Tha am baile rim faotainn ri taobh na h-Aibhne Bedija. 'S ann ann an roinn Cuenca, ann an Castilla-La Mancha a tha e. Chan eil ach 212 daoine a’ fuireach anns a' bhaile an latha an-diugh.[1]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Chan ann soilleir 's a tha freumh-fhaclachd an ainm Uclés. Tha cuid dhen bheachd gur ann às an treubh Ibèireach na Olcades, a stèidich baile san sgìre air an robh Hokulacum. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' ràdh gur ann à 'Ocilis air neo 'Oculis, allt beag a shruthas dhan Abhainn Bedija 's a th'ann. Chanadh Uqlīsh (أقليش) air aig àm nan Arabach.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann ainmeil san Spàinn 's a tha Uclés, leis gun do thachair dà chath cudromach an seo, fear anns na meadhan aoisean ach fear eile aig toiseach-tòisichidh na 19mh Linn. Ann an 1108 thug arm Ali ibn Yusuf ruaig air feachdan Crìostaidh. Ann an 1809, dh'fhulaing na Spàinntich call doirbh an aghaidh nam Fraingeach.[2] Thug an Rìgh Alfonso VIII am baile do dh' Òrdugh nan Ridirean Santiago ann an 1174, a chum e gu ruige 1493.[3] Chaidh Alonso de Ercilla y Zúñiga ainmeachadh na thighearna an seo. Chaidh am film Alatriste (2006) agus an sreath telebhisein Águila Roja (2016) fhilmadh an seo.
Àireamh-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]Mar iomadh sgìre dhùthaich a-staigh san tìr anns an Spàinn, tha dì-dhaoineachadh na thriobaid ann an Uclés. Bha 1,366 duine a' fuireach an ron Chogadh Sìobhalta.[4]
Bliadhna | 1857 | 1900 | 1950 | 2000 | 2020 |
Muinntir | 1093 | 1030 | 1276 | 313 | 212 |
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Pelayo Quintero Atauri (1867 - 1946): àrc-eòlaiche, peantair agus sgrìobhadair[5]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ David Gates, The Spanish Ulcer : A History of the Peninsular War, Lunnainn, Pimlico, 2002, (ISBN 0-7126-9730-6).
- ↑ Pérez Ramírez, Dimas. Uclés, cabeza de la Orden de Santiago. Tarancón, Seminario Menor, 1990.
- ↑ INE
- ↑ Real Academia de la Historia