Fuendetodos

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Fuendetodos
Fuendetodos 2.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Spain.svg An Spàinn
Ceàrn Flag of Zaragoza province (with coat of arms).svg Zaragoza
Sgìre Flag of Aragon.svg Aragón
Co-chomharran 41° 20' 36 Tuath
00° 57' 31 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 62.2 km²
Àireamh-shluaigh 145 (2020)
Dlùths 2.33/km²
Àireamh fòn + 34 976
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e baile uabhasach fhèin beag faisg air Zaragoza ann an Aragón (An Spàinn) a th' ann am Fuendetodos. Tha e suidhichte air an àirde an ear-thuath na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Val de Santa María, 750m os cionn ìre na mara, anns an roinn Zaragoza, dìreach 19km air falbh bho Bhelchite. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e turasachd agus àiteachas a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Chan eil ach 145 duine a' fuireach ann.[1]

Freumahn an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Tha a h-uile coltas ann gur ann às na faclan Spàinntis fuen (Gàidhlig: tobar) agus todo (Gàidhlig: uile) 's a tha an t-ainm. Ghabhadh sin Tobar nan Uile dhuinn sa Ghàidhlig.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Fuendetodos stèidheachadh anns an 12mh Linn, agus a chuid cuaraidhean gu math cudromnach. Thug Cogadh Sìobhalta na Spàinne droch bhuaidh air a' bhaile.

Àireamh-sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

Mar iomadh sgìre dhùthaich a-staigh san tìr anns an Spàinn, tha dì-dhaoineachadh na thriobaid ann am Fuendetodos.

Bliadhna 1960 1970 1981 1991 2001 2007 2020
Muinntir 389 234 166 146 176 179 145

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. INE
  2. Buchholz, Elke Linda. Francisco de Goya. Cologne: Könemann, 1999. ISBN 3-8290-2930-6