Jump to content

An Todhar

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Tore)
An Todhar

An Todhar
Suidheachadh
An Todhar is located in Alba
An Todhar
An Todhar (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Co-chomharran 57° 32′ 19.63″ T
4° 19′ 58.25″ I
Comharradh-clèithe NH 604 524
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 64 (1961)
Còd-puist IV6 7

Is dòcha gu bheil sibh a' lorg Todhar.

Is e baile beag ann an Ros an Ear a tha anns an Todhar (Beurla: Tore) [1][2]. A rèir Iain Mac an Tàilleir 's e "An Tòrr" an t-ainm a tha air a' bhaile[3] fad 's a tha Watson ag ainmeachadh "Tòrr"[4] agus "An Todhar"[5]. Tha am baile suidhichte air an Eilean Dubh mu 7 mìle iar-thuath air Inbhir Nis agus mu 5 mìle (8 km) ear-thuath air a' Bhlàr Dhubh.

Tha cearcall-rathaid mòr anns a' bhaile, far a bheil na rathaidean A832 agus A835 a' dealachadh bhon A9[6]. Tha e a' sgaradh a' bhaile le talla a' bhaile agus leis an sgoil air an dàrna taobh agus an stèisean-seirbheise air an taobh eile. Ann an 1961 bha 64 duine a' fuireach an seo[7].

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. An Todhar/Tore”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
  2. Stòr-dàta SMO
  3. Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”, td. 113. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
  4. Watson, W.J. (2003): “Placenames of Ross and Cromarty”, td. 118. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
  5. Watson, W.J. (2003): “Placenames of Ross and Cromarty”, td. 143. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
  6. Tore Roundabout”. Gazetteer for Scotland. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
  7. Tore(Beurla). Gazetteer for Scotland. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Tore Gazetteer for Scotland