Jump to content

Abhainn Chonainn

O Uicipeid
Abhainn Chonainn

'S e abhainn ann an Alba a tha ann an Abhainn Chonainn (Beurla: River Conon no River Conan)[1][2].

Tha e a' tòiseachadh aig Loch Luichart, 5 mìle (8 km) iar-thuath air Cunndainn. Tha e a' sruthadh chun an ear-dheas tro Loch Achonachie gu Drochaid Sguideil agus an seo a-steach don Linne Chrombaidh. Tha e mu 12 mìle (19 km) a dh'fhaid.

San 20mh linn chaidh dà stèisean-cumhachd uisge a thogail ann an Luichart agus Torr Achiltyle le damaichean aig Loch Luichart agus Loch Achonachie mar phàirt den phròiseact Neart nan Gleann[3].

Thathar a' coimhead air Abhainn Chonainn mar chrìoch eadar an t-Eilean Dubh is tìr-mòr na h-Alba le Inbhir Pheofharain air tìr-mòr agus Drochaid Sguideil mar chiad bhaile den leth-eilean.

Leas-aibhnichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Black Water
  • River Orrin

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Abhainn Chonnain/Aberlady(Gàidhlig). Am Faclair Beag. Air a thogail 16mh dhen Ògmhios 2017.
  2. Abhainn Chonnain”. Stòr-dàta Briathrachais SMO. Air a thogail 16mh dhen Ògmhios 2017.
  3. Neart nan Gleann(Beurla), td. 10. Scottish Hydro Electric. Air a thogail 16mh dhen Ògmhios 2017.